Tuesday 29 December 2009

na faoileagan mun a' chaladh
a' feitheamh
ris an eathar nach till a-chaoidh

Monday 28 December 2009

Hosai

a' sealltainn air ais air an tràigh,
fiù 's làrach
mo chois' air falbh

Sunday 27 December 2009

air sgeilp ann an taigh-failcidh
taigh mo mhàthar, sguab-bhearraidh
‘s i air tiormachadh mu dheireadh

Saturday 26 December 2009

Hokushi

losgadh an taigh agam gu talamh
ach co-dhiù bha sin an dèidh
do na blàthan sileadh

Friday 25 December 2009

mu bhruaich a' bhealaich
mun suidheadh e fhèin sa chamhanaich
salchar is seileach ri sileadh

Thursday 24 December 2009

Hisajo

's mi a' coiseachd leam
chan eil ann de dh' fhuaim
ach duilleagan air tuiteam

Wednesday 23 December 2009

John Deere air an tràigh
às dèidh a là-saothrach
a’ treabhadh na gainmhich

Tuesday 22 December 2009

Hakayo

duilleagan a thuit chun na talmhainn -
làmhan bàna nan eiridinn
air beulaibh tein'-èiginn

Monday 21 December 2009

air bhog am bàrr na h-aibhne
fhathast às dèidh an uisge
duilleag-bhàthte

Sunday 20 December 2009

Etjuson

a' bhliadhn' a' falbh
chùm mi m' fhalt glas am falach
air a' bhodach 's air a' chaillich

Saturday 19 December 2009

dairbeagan bho linn m' òige
ri bruach Allt na Bèiste
nan dairbeagan fad na tìde

Thursday 17 December 2009

Dakotsu

am bàs mu dheireadh thall 's a-bhos -
boladh nan cungaidh-leigheis
beag air bheag a' fannadh às
tàmh as t-samhradh -
cuileagan mu chairbh
taobh ri lochan balbh

Wednesday 16 December 2009

Chiyo

air ghurraban,
bidh 'n gille-cràigein
a' coimhead air na sgòthan

Tuesday 15 December 2009

sgal-gaoithe gun fhiosta na coigreach
a' fosgladh is a' glasadh
cachaileith na tuath' às a dhèidh

Monday 14 December 2009

Chigo

mura b' e 'n guthan
dh' fhalbhadh na corra-grithichean à lèirsinn -
an sneachda sa mhadainn

Sunday 13 December 2009

air an Druim Bhàn
dùrdan sheillean
fo fhraoch-an-dearrasain

Saturday 12 December 2009

Boncho

thill manach àraidh ris an taigh
gun fheitheamh
ris a' ghealaich

Friday 11 December 2009

mun t-sneachda mun t-sliabh
eòin-bheinne ri teannadh
ri tàrmachadh an earraich

Thursday 10 December 2009

Bokusui

facal-dealachaidh?
tha 'n sneachd' a' leaghadh
's e gun fhàileadh

Wednesday 9 December 2009

mòinteach fo bhlàth
fhathast aig deireadh an t-samhraidh -
mil-an-fhraoich

Tuesday 8 December 2009

Boitsu

an lùib nan dìthean!
cluinnidh mi daoine ri lachanaich
ann am beanntan an earraich

Monday 7 December 2009

fuaim a' chuain
aig an ìre 's àirde th' ann
ri bàrr an làin

Sunday 6 December 2009

Bainen

a-nis agus an t-earrach air tighinn
a-steach don t-saoghal agam fhìn:
slàn!

Saturday 5 December 2009

tobhta de thaigh
's na fir-obrach
fhathast a' cnagadaich

Friday 4 December 2009

Gun Urra

nas miosa na deuran –
gàireachdainn
an leanaibh air a thrèigsinn

Thursday 3 December 2009

an taigh-òsta ‘n tìr eile,
coire mun leabaidh, m’ aire
mu na monaidhean aig baile

Wednesday 2 December 2009

Gun Urra

damh leis fhèin
ann an chladh làn de dhìtheanan –
sgeir anns a' chuan