Wednesday 24 August 2011

Tìr a’ Gheallaidh

Air iomall
An t-saoghail
Thairis air mo shùil,
Cho riochdail,
Tha fios agam gum bi ‘n imrich
Uaine le dòchas –
An abhainn
Air nach fhaod sinn dol thairis
A’ sruthadh leatha gu sìorraidh,
Gu sìorraidh suthainn

Tha ‘n obair aig Pan air a dèanamh
Nuair a dh’fhàsas inbhich bho rian
Mar chlann
A’ leum ‘s a’ ruith
Tro dhùthaich uaine
‘S iad a’ glacadh na chì iad uile


Crìonnachd nan Curaidhean

Na dèan sgrùdadh
Air lot fo rùn –
Tionndaidh do shùilean –
Chan eil càil ri dhèanamh.
Far an laigh ‘n dorchadas,
Cha tig an solas


Gabh truas rinn
Ris a’ mhuir
Air na gainmheinean
Cho geàrr


Làmh-an-Uachdar

Spleuchd air a’ mhuir
Sibh fhèin air ur cathair
A’ dol fodha sa ghainmhich,
Thoiribh air na tuinn
Seasamh mar chreagan,
Togaibh ur làmh


Eadar geugan gun duilleach
Aon rionnag a’ reachdachadh
Soilleireachd a’ gheamhraidh



Creachadair

Mar chreag
Mo mhala ‘n crochadh os cionn
Uamh mo shùl
‘S e tha nam shròin
Claigeann-toisich air luing

Mi ri creachadh an t-saoghail


A Ghaoil air a bheil Iomadh Ainm
Èist ris an duan-mholaidh agam
Iomadach mar na ràithean
Air leth mar na làithean
Mo bhrath gu lèir air tighinn gu ceann
An dèidh dhomh t’ aodann fhaicinn



An Dùil

Ri doras a’ bhàis
An deireadh am follais
Na bheatha seach na bhàs
Gach anail a bhios tu gabhail
‘S ann a ghabhas i t’ anail

Glèidh t’ anail
Chan eil sin an sàs
Feumaidh tu siubhal


Sgàth


Air sgàth na rinn
Mi fhìn ‘s nach d’rinn
‘S a nì mi às aonais
Nam aois bidh ‘n t-aithreachas
Seach an cuthach
An aghaidh na h-oidhche sin
Dhan tèid sinn
ga mo chumail dìreach
Mu na cuireas mi ris
Mun tèid mi bàs –
Suidhe san dubhar,
Coimhead air na speuran


Cho Sean ris na Bruthaichean

Fonn a’ bhruthaich
Fon a’ chathair
Sruth ‘n fhuinn
Le sràidean na char
Far an seas taighean
Sreath bho shreath


Crìoch Lochlainn

Mar a bhios cùl
Bàn a cinn an crochadh
Thar cùl na cathrach
Bidh e cur nam chuimhne Crìoch Lochlainn
Far a bheil am feur ga chur ann an cruachan
Gus a chrochadh mar sin
Dìreach a-nuas
Air achaidhean cho caol
Cho rèidh ri clàr
Mar uchd eadar
Beanntan a tha cas
Is lochan-sàile domhainn


Bruadar

Air a sguabadh le gaoith
Mar an cuan
A chuir a làn ìseal
Mi fhìn fo shuain
Bruadaran a’ cruinneachadh
Anns an t-slige
A th’ air fhàgail
Ga dèanamh foirfe


Seasgan an Èirigh bhon Uisge

Na caitean fo mo shùil
Luachair-bhog na bad air feadh na tràghad

Aig a h-uile tiotan bidh mi ‘n dùil
Ris na th’ am falach anns gach bad


Tiodhlacadh

Caraidean m’ athar
Nan seasamh mar chraobhan cràiceach
Ach fhathast nan sùilean tha mi faicinn
Duilleag phreasach an earraich

Is mar sin ged a shiùbhlas neach
Gun dad aige ri tiodhlacadh
Chaidh fhàgail againn gu leòr
A ghaol gus an caoin sinn


An Sluagh

Tha mi air mo thathaich
A-mach às an fhàrdaich agam,
Lom, air mo chur à seilbh
Leis na mairbh gun dachaigh

Leig na taibhsean seo, na h-aoighean
M’ fhuil gus an deach i bàn
Chan eil smior air fhàgail sa chnàimh
Às an toir iad grèim


An Giblean

‘S e a’ ghrian
A bhios a’ toirt gàir’ oirnn
‘S e a’ ghrian is thàinig an t-earrach
chan fhada gus an toir i Crìoch Lochlainn a-mach
A cuid bhailtean de dh'fhiodh a' fliuchadh
Gàire sa h-uile sruthan


Samuel Menashe (1925 - 2011)

Friday 19 August 2011

an tràth mu dheireadh le chèile
còmhla cruinn àm-lòin Dihaoine,
sweet&sour air a dhol aog, dèile

Thursday 18 August 2011

Issa

oidhche – gu slaodach
an solas na gealaich, cnuimh
a’ cladhach ann an cnò-gheamnnaidh
Issa

an t-earrach,
cnoc gun ainm, ceathach
na maidne ga chòmhdach

Tuesday 16 August 2011

Issa

fuighleach
là 'n earraich
anns an uisge dìreach

Monday 15 August 2011

Issa

fiù ‘s an ceathach an earraich
bidh sneachda ga còmhdach –
mo dhachaigh
Issa

an loch na dheatach
mar amar-failcidh teth –
ceathach anns an fhionnairidh

Sunday 14 August 2011

Issa

ann am priobadh,
an ceathach air a chàradh –
dachaigh san aonach

Saturday 13 August 2011

Issa

leannain a’ dealachadh –
a’ coimhead air ais air a taigh
gus nach eil ann ach ceathach

Friday 12 August 2011

Issa

uidh air n-uidh,
tuilleadh dhen smùid, dhen ghealaich –
clachan uaigneach

Thursday 11 August 2011

Issa

smùid as t-oidhche,
toirt ceum a-steach don uisge,
call mo shlighe

Tuesday 9 August 2011

Issa

a reothaidh ghòraich,
cuin' a bhios tu air falbh?
teich!
Issa

craobh ann an soitheach -
mi a’ sèideadh oiteag earraich
ort fhèin a-rithist an-diugh

Monday 8 August 2011

Issa

oiteag an earraich a’ sìneadh
a dh’ionnsaigh an dorchadais a-staigh,
taigh sa chladach

Friday 5 August 2011

Issa

oiteag as t-earrach,
sìtheanan òir fo bhlàth
mun an t-sliabh


oiteag an earraich a’ sìneadh
a dh’ionnsaigh an dorchadais a-staigh,
taigh sa chladach


craobh ann an soitheach -
mi a’ sèideadh oiteag earraich
ort fhèin a-rithist an-diugh

Wednesday 3 August 2011

Issa

oiteag as t-earrach,
an giuthas air a’ bhearradh
ga cagarsaich
Issa

an spìdeag ri ceòl
an dèidh a h-uile càil –
an geamhradh ri dàil

Tuesday 2 August 2011

Issa

an ann a tha iad a' cabadaich
mu làithean ceathaich?
eich anns an achadh

Monday 1 August 2011

Issa

ris a’ chamhanaich
bidh e a’ mealladh nan siùrsach –
an seileach sileach