Gormanaich
Sunday, 31 January 2010
Kyoruku
na raointean air fad air an seargadh;
chan eil dad a' gobadh a-mach
ach sgrugaill nan corra-sgreuch
san fheannaig a chaidh bàn,
caora leatha fhèin
a’ cagnadh nan caisearbhan
Saturday, 30 January 2010
Kyorai
mo chreach! solas
cuileag-an-t-sionnachain a' dol às
na mo bhois
Friday, 29 January 2010
eileanach am beul na fairge -
ri ruith a-mach thar an dà bhile,
curach-àile cainnte
Thursday, 28 January 2010
Koyo
toiseach a' gheamhraidh;
m' fheusag dìreach air lomadh;
abair coltas fireannaich!
Tuesday, 26 January 2010
agus an samhradh air nochdadh,
uimhir a mheanglain mun taigh
‘s nach lèir dhomh sgàth
Kobayashi
tha i air an leanabh a chur dhan leabaidh
's a-nis tha i nigheadh an aodaich -
gealach an t-samhraidh
Sunday, 24 January 2010
corra-ghritheach ri taobh a’ chladaich
a’ feitheamh
‘s an làn a’ lìonadh
Kizan
sgòthan a' sgapadh:
sealladh de nèamh
ann an soillse na gealaich
Saturday, 23 January 2010
cluaran
a’ togail ceann
san fhàsach ri taobh rathad-iarainn
Friday, 22 January 2010
Kisei
bho rugadh mi, bha e nam dhàn
am bàs fhaighinn
agus mar sin...
Thursday, 21 January 2010
luachair is connlach
am bruach Loch nan Uamh –
brat-ùrnaigh
Wednesday, 20 January 2010
Kikaku
sin dìol-dèirc a’ falbh
‘s nèamh agus talamh
uime mar aodach an t-samhraidh
Tuesday, 19 January 2010
anns a’ mhadainn
ball-dubh mun a’ mheanglan
san do neadaich a’ chuileag-mheasan
Monday, 18 January 2010
Kijo
uisge 'n earraich -
an e th' ann dheth
taibhse nan clach?
Sunday, 17 January 2010
cèilidh taigh Iain Dhòmhnaill,
ag èisteachd a sgeòil
còmhla mun chiste-chaoil
Saturday, 16 January 2010
Kigin
dh' amhairc mi air
a' ghealaich gun sgur,
chan ann uair, chan ann dà uair
Friday, 15 January 2010
madainn –
sneachd’ air cluigein-bhiathaidh nan eun
an crochadh ris a’ challtainn
Thursday, 14 January 2010
Keiro Ishikawa
tha e cho fuar sin
gun d'rinn mi lachan;
rinn is mo bhean
Wednesday, 13 January 2010
fionnan-feòir am falach
a’ suathadh anns an fheur fhliuch –
abair sleamhnaidh!
Tuesday, 12 January 2010
Kamakura
's e ceò a tha sa ghaol
mar dhuslach nan reul
ach ceò ‘n dèidh a h-uile càil
Sunday, 10 January 2010
uair gharbh –
na critheannan dìreach,
na lòchrain mun t-sràid a’ luasgadh
Kafu
ma th' agam ri caochladh,
leig leam falbh
mus tig an geamhradh
Saturday, 9 January 2010
speur buidhe
madainn Là na Nollaige –
falaisg àile
Friday, 8 January 2010
Ishu
dìreach bachall nan eilthireach
a' dol thar an aonaich
as t-samhradh
Thursday, 7 January 2010
a’ dèanamh bàrdachd -
an dubh a' dol an lughad,
a' mhuir a' dol am meud
Wednesday, 6 January 2010
Hoshino
speur àlainn
nan gèadh 's iad a' teireachdainn
dìreach tiotan
Tuesday, 5 January 2010
ghlan i air falbh -
lòn air fhàgail air a' bhealach
agus a' ghrian a' deàrrsadh
Monday, 4 January 2010
Hosha
ròcas air an spiris
anns a' gheamhradh am preas -
cho fada 's a thàinig mi air mo thuras!
‹
›
Home
View web version