Gormanaich
Tuesday, 27 April 2010
mun an rèidh
ri làr an doire, sreath
dìreach de phiollagan-achaidh
Monday, 26 April 2010
Yamamoto Shuka
gun fhios agam ann
air an ainmean,
mi a' buain shìthean san rèidhlean
Sunday, 25 April 2010
Yamada
dh'fhàs an sgal-creige
na dhuine -
murran-mòr uaine
Saturday, 24 April 2010
an rèiteach, boglach,
capall-coille, cearc-fhraoich
is tuath air a thrèigsinn buileach
Friday, 23 April 2010
Yoko Ogino
uisge-failcidh teth
fuar air a' chliathaich gun chìoch
tàirneanaich as t-earrach
Thursday, 22 April 2010
mo laochan air a bhreith
Là Nollaig’ is an fhàire ri briseadh –
teàrnadh
Wednesday, 21 April 2010
Teijo
duilleagan air an seargadh,
cuid briste, cuid gun a bhith,
air bhog ann an uisg' an earraich
Tuesday, 20 April 2010
a Thighearna Mhòir!
a-muigh air a’ bhlàr
Là Nollaig’ a’ gearradh an fheòir
Monday, 19 April 2010
Tayo-jo
daoine tighinn, daoine falbh,
gaoth an earraich
air a' bhruach
Sunday, 18 April 2010
a’ cur thuige ‘n teine
le
The Star
oidhche,
mìrean a’ falbh don àile
Saturday, 17 April 2010
Taguchi
losgann
a' leum a-steach do lòn
cù a' comhartaich ris a' chaitean
Thursday, 15 April 2010
a’ cur thuige ‘n teine
ri moch na maidine,
grian air fàire
Wednesday, 14 April 2010
Tagaki
air uisgeachan an earraich,
dh'fhalbh smuain air leth
leis an t-sruth
na lèine,
bualadh na sgèine
‘s
Aithris na Maidine
Tuesday, 13 April 2010
Tadao Okazaki
gu slaodach bidh mi bogadh
mu làmhan fo chràdh
as t-earrach air an aonach
Monday, 12 April 2010
air an Tairbeart oidhche gun tàmh
agus, a cheart cho luaineach,
an
Hebrides
ri caladh
Sunday, 11 April 2010
Tadao Izawa
fitheach-dubh
a' feitheamh
ri cìochan na caillich
Saturday, 10 April 2010
an aois, an solas geal
agus mo shùil
ris an tràigh thall
Friday, 9 April 2010
Suju
eòin sa chuan
a' tarraing nan lìon
gu dripeil eatorra fhèin
Thursday, 8 April 2010
Kyoto fo dhìle fad an t-samhraidh
‘s an Dùbhlachd an uair sin cho blàth,
saijiki
a’ dol a dholaidh
Wednesday, 7 April 2010
Soseki
dà thaigh;
dà sheileach;
àite-fuirich
Tuesday, 6 April 2010
soillseachadh ris an oidhche,
teine-biorach mun uisge
‘s na croinn air an fhàire
Monday, 5 April 2010
Sokan
a' cur nan làmhan
còmhla - gille-cràigein
ag aithris dàin
Sunday, 4 April 2010
mun àirigh
dhan togadh an sluagh an imrich,
crodh Gàidhealach gun charachadh
Saturday, 3 April 2010
Sogi
sneachda gun a bhith air falbh,
leòid na beinne ceathach
feasgar as t-earrach
Friday, 2 April 2010
deireadh an fhoghair,
na Granny Smith’s fhathast am bàrr
anns an lios mun cluicheadh iad uair
Thursday, 1 April 2010
Sogetsu-ni
na speuran a' glanadh,
an sneachda 's a' ghealach
air an aon dath
‹
›
Home
View web version