Gormanaich
Tuesday, 30 November 2010
Issa
bheil fios agad fhèin
gu bheil am foghar air tighinn,
a dhealain-dè sa chluain?
Sunday, 28 November 2010
Buson
nuair a nì an tuagh gearradh,
clisgeadh mun fhàileadh chùbhraidh -
coilltean sa gheamhradh
Basho
bliadhn’ eile air teireachdainn –
currac fhathast air mo cheann
is cuarain air mo chasan
Saturday, 27 November 2010
Issa
fiù ‘s còinneach a’ mhullaich
fo bhlàth
‘s an dèidh sin a’ sgapadh
Friday, 26 November 2010
Buson
sa ghaoith a' seacadh nan craobh,
a' tuisleadh a chlisgeadh -
an t-each a' dol dhachaigh
Thursday, 25 November 2010
Basho
oidhche – gu slaodach
an solas na gealaich, cnuimh
a’ cladhach ann an cnò-gheamnnaidh
Tuesday, 23 November 2010
Issa
an clachan san aonach
a’ coimhead falamh –
craobhan an t-samhraidh
Buson
na th' air mo bheulaibh
a' mùthadh na shealladh bhon àm a dh'fhalbh -
fras anns a' gheamhradh!
Sunday, 21 November 2010
Basho
an t-earrach,
cnoc gun ainm, ceathach
na maidne ga chòmhdach
Saturday, 20 November 2010
Issa
deutzia
fo bhlàth –
clann a’ cluich
air tòrradh
Friday, 19 November 2010
Buson
sàmhach ann an achadh
le craobhan-daraich
gealach a' gheamhraidh
Thursday, 18 November 2010
Basho
air meanglan gun duilleach air
priachan-dubh air an spàrr
beul na h-oidhche san fhoghar
Tuesday, 16 November 2010
Issa
a-staigh na mo dhoire,
‘s ann a tha iad a-mach à ùine –
cuileagan-teine
gu h-ìseal anns an fhaoilinn,
bodachan ris an fheamainn,
fliuch, salach fhèin
Sunday, 14 November 2010
Buson
do mo shùilean tha e aoibhinn -
gaoithrean mo leannain,
geal fhèin
Basho
feur as t-samhradh –
fuighleach
aisling nan laoch
Saturday, 13 November 2010
Issa
gaoth mun t-sliabh -
taigh bho thaigh
le brataichean an t-samhraidh
Thursday, 11 November 2010
Buson
far an coinnich na h-aibhnichean,
chanadh tu gun robh sàmhchair ann -
an t-uisge glan
Basho
fealla-dhà dha-rìribh!
thèid e na shneachd' theagamh –
uisg' a' gheamhraidh
Wednesday, 10 November 2010
Issa
seilcheagan,
mean air mhean
a’ dìreadh Blàbheinn
Tuesday, 9 November 2010
Buson
a' treabhadh achaidh!
ged nach d'rinn na neòil carachadh,
tha iad air falbh
Sunday, 7 November 2010
Basho
air mo chlaoidheadh,
chaidh mi a lorg taigh-seinns’ air an tuath
is fhuair mi
wisteria
fo bhlàth
Issa
kimono ‘n t-samhraidh
ga chur umam agam – cho luath
‘s a dh’fhàs e preasach!
Saturday, 6 November 2010
Buson
feur ann an ceathach
is uisg' a' siubhal gu sàmhach,
an là ri fannachadh
Friday, 5 November 2010
Basho
fear-siubhail bog bàthte:
lurach mar an ceudna san uisge -
seamair-Mhoire
Thursday, 4 November 2010
Issa
gealach air a’ chuan –
e fhèin fon ghaoithrean
fo chadal-suain
Wednesday, 3 November 2010
Buson
thàinig an lòn 's an abhainn
còmhla mar aon
ann an uisg' a' chèitein
Tuesday, 2 November 2010
Basho
fon aon mhullach
luchd-suirghe cuideachd nan sìneadh -
seamair-Mhoire 's a' ghealach
Monday, 1 November 2010
Issa
na sgairbh a’ spleuchdadh
orra gu cruaidh –
iasgairean sgarbh
‹
›
Home
View web version