Monday, 27 June 2011

Issa

oiteag an earraich
a’ tiormachadh an eich,
achadh mun chachaileith


oiteag as t-earrach –
fiù samurai air a shèideadh
sìos an sliabh


air aon each,
triùir mharcach,
oiteag an earraich a’ sèideadh


fiù ‘s an deatach
ag èirigh gu h-àrsaidh,
an t-earrach a’ tòiseachadh


gun rabhadh,
tha ‘n t-earrach air tòiseachadh –
taigh–tughaidh


earrach a’ tòiseachadh –
dà theaghlach,
aon taigh


a' cadal, a' dùsgadh,
a' mèaranaich -
an cat a’ dol a-mach a shùgradh


a phìobaire-'n-teallaich!
bidh nad fhear-gleidhidh
air m' uaigh 's mi air falbh

Sunday, 26 June 2011

Issa

a thòin air a fuarachadh
le oiteag an earraich –
tughadair air a’ mhullach

Saturday, 25 June 2011

Issa

oiteag as t-earrach –
far a bheil mo chasan a’ sìneadh,
tha mi falbh

Thursday, 23 June 2011

Issa

nach fearail a’ ghaoth
's i ri sèideadh –
eilean as t-earrach

Wednesday, 22 June 2011

Issa

an t-earrach air tòiseachadh –
mi a’ cur suas mo dheataich
mar a bhios agus càch

Tuesday, 21 June 2011

Issa

earrach ùr a’ tòiseachadh –
tràth, cho tràth
a’ dol searbh

Monday, 20 June 2011

Issa

annasach – anns an taigh
san deach mo bhreith,
a’ chiad mhadainn den earrach

Sunday, 19 June 2011

Issa

bidh fiù ‘n sneachd’ a’ teàrnadh
gu caomh
a’ chiad chamhanach den earrach

Saturday, 18 June 2011

Issa

bu chòir fiù do mhùn a dhèanamh
gu faiceallach
a’ chiad chamhanach den earrach
Issa

deatach a’ bharraich
a’ tàladh
camhanach an earraich

Thursday, 16 June 2011

Buson

far an coinnich na h-aibhnichean,
chanadh tu gun robh sàmhchair ann -
an t-uisge glan

Wednesday, 15 June 2011

Issa

sa mhadainn an-diugh,
rud beag den cheathach –
an t-earrach!

Monday, 13 June 2011

Issa

an salchar taobh ris a’ bhealach
dìreach annasach,
am faoilleach


sa mhadainn an-diugh,
rud beag den cheathach –
an t-earrach!
Issa

a’ call na h-eathrach
airson an fhaoillich –
oiteag earraich

Sunday, 12 June 2011

Buson

a' treabhadh achaidh!
ged nach d'rinn na neòil carachadh,
tha iad air falbh

Friday, 10 June 2011

Issa

tha fiù m’ fhàrdach
air a sgeadachadh –
earrach an rìgh
Buson

feur ann an ceathach
is uisg' a' siubhal gu sèimh,
an là ri fannachadh

Wednesday, 8 June 2011

Basho

uiseag-adhair
a’ seinn bhon chiad char
is chan eil an là fada gu leòr

Tuesday, 7 June 2011

Issa

saoghal bodaich –
sìtheanan sneachd’ air craobhan gun duilleach,
blàthan an earraich

Monday, 6 June 2011

Buson

thàinig an lòn 's an abhainn
còmhla mar aon
ann an uisg' a' chèitein

Sunday, 5 June 2011

Basho

a' Bhliadhn' Ùr,
mi ri meòrachadh air feasgar
aonaranach as t-fhoghar
Issa

ged ‘s ann fada bhon taigh,
tha earrach
a’ tighinn às ùr fo bhlàth

Saturday, 4 June 2011

Buson

uisge san earrach
is gun chomas agam air sgrìobhadh -
cho dòrainneach!

Friday, 3 June 2011

Basho

thàinig an clag san eaglais gu ceann
‘s tha ‘n fhuaim fhathast a’ tighinn
a-mach às na dìtheanan

Wednesday, 1 June 2011

Issa

an corp seo den duslach,
gu sèimh sèimh,
earrach fo bhlàth