eadar a’ bheatha ‘a am bàs
clachan a’ fàs
Monday, 31 October 2011
Thursday, 20 October 2011
Tuesday, 18 October 2011
Sunday, 9 October 2011
Friday, 7 October 2011
Meadhan a’ Gheamhraidh
Tha solas liath
Ri sruthadh a-mach às mo thrusgan.
Meadhan a’ gheamhraidh.
Tiompan den deigh ri seirm.
Tha mi dùnadh nan sùl agam.
Tha saoghal balbh ann,
Tha sgàineadh
Far am bi na mairbh
Air an toirt air falbh
Gun fhios thairis air a’ chrìch.
Gailleann
Gu h-obann, bidh ‘n coisiche tighinn
Air an darach àrsaidh – lon mòr eagallach le freumhan
‘S na cabair aige de dh’fhiodh cruaidh, cho leathann
Ris an fhàire seo, ri gleidheadh ballachan glas’ a’ chuain.
Gailleann às an àird a tuath.
‘S e àm nan caorann a th’ ann.
Na dhùisg as t-oidhche cluinnidh e gu h-àrd os cionn na craoibhe adharcach
Na rionnagan ri starachd nan stallachan.
Tomas Tranströmer, a thug a-mach Duais Litreachais Nobel 2011. Más mall is mithid.

Subscribe to:
Posts (Atom)