na beannachdan àbhaisteach aig an tòrradh
aig an doras: tha mi duilich,
chan eil guth ri ràdh
Monday, 16 April 2012
bog braonach mar is dual ar maidin, préachán anuas ón gcrann is muid ag siúl beirt ar an mbán
Tuesday, 10 April 2012
dol-fodha-na-grèine ‘s an t-sìorraidheachd air cuairt ghoirid os cionn Beinn a’ Bhràghad
Saturday, 7 April 2012
Dihaoin’ a’ Cheusta leam aig baile, mo ghaol air taobh thall na Maoile ‘s na taighean-seinnse dùinte
ann an dachaigh nan sean anns a' Ghearastan, duineachan ris an uinneig a’ sealltainn a-mach air a’ bhearradh os a chionn
Wednesday, 22 February 2012
ann an Helmand air ùir air a seacadh, fear ag iomain a chuid chaorach tro bheàrn air cho beag anns a’ ghàrradh
Sunday, 19 February 2012
na làithean a’ falbh air mo bheulaibh ‘s na dathan, geal, dubh, dubh ‘s buidheachas mu dheireadh
Friday, 17 February 2012
ìsle-làin ‘s mnathan air an glùin ann an sreath sna faochagan mar ghrìogagan air paidirean
Sunday, 22 January 2012
Aon turas, an taobh thall nan sùmainn, Fhuair mi dalladh De dh' eun geal Is thuit mi an gaol Leis a' mhearan A bhios ga thathaich.
(Akiko)
Saturday, 21 January 2012
Agus mi air ceann mo thurais A thoirt a-mach mu dheireadh thall, Tha mi mothachail Gu bheil mi air a bhith nam dhall Air nach eil eagal Bhon dorchadas.
(Akiko)
Thursday, 19 January 2012
'S mi a' dlùthachadh Ri baile na beinne Tro chamhanaich an earraich, Bidh mi a' cluinntinn clag dol-fodha-na-grèine 'S e a' bualadh Tro bhileagan a' falbh le gaoith.
(Noin)
Feumaidh mi dealachadh riut Ach ma chluinneas mi fuaim Nan giuthas a tha fàs Mu Loch an Tuim, Thig mi air ais Anns an spot.
(Aiwara no Yukihira)
Wednesday, 18 January 2012
Bidh mi ri laighe Gu ruig' eadradh-na-maidne 'S ag èisteachd ri balaich na h-aibhne 'S iad ag iomradh air Allt na Bèiste.
(Yakamochi)
Tuesday, 17 January 2012
dè tha e smaoineachadh ris fhèin, ag iasgach is am feasgar a’ teireachdainn, am bodach air gob Leac nan Uan?