Leòman
(Jaan Kaplinski)
Agus mi air Dwelly fhosgladh,
Air duilleig shònraichte,
Thachair mi air leòman,
Beò air èiginn
Eadar i ‘s an tè mu coinneimh.
Sgap e na h-itean
Agus thug e air falbh
Agus chaill mi sealladh dheth.
An dèidh sin uile
‘S dòcha gu bheil e fhathast maireann
Am badeigin mun lòsan
Air neo air a’ bhlàr-a-muigh
No ‘s dòcha marbh mar chuileag-Chèitein.
Air neo an robh e siubhal
Facail, saoil, no briathair
No an e bh’ ann facal
Dìreach ann an riochd ùr,
Facal fhèin, air a chaochladh?
Wednesday, 18 May 2011
Subscribe to:
Post Comments (Atom)
No comments:
Post a Comment