an raineach ag èirigh mu dheireadh an earraich
taobh ris an Linne Shlèitich –
tuil-ruadh
Am Bàs
(Vladimir Holan)
Dhìobair thu a-mach asad e
Bho chionn mòran bhliadhnaichean.
Dhùin thu 'n t-àite,
Dh'fheuch thu ri chur fo dhearmad.
Bha fios agad nach robh e ann an ceòl
'S mar sin rinn thu seinn.
Bha fios agad nach robh e ann an sàmhchair
Is mar sin bha thu sàmhach.
Bha fios agad nach robh e ann an aonaranachd
Is mar sin bha thu nad aonar.
Ach dè dh’èirich an-diugh a chuir eagal
Cho mòr sin ort mar fhear
A chì san oidhche gu h-obann
Aiteal fo dhoras an ath sheòmair
Far nach robh duine sam bith
A' fuireach fad nam bliadhnaichean?
Monday, 2 May 2011
Subscribe to:
Post Comments (Atom)
No comments:
Post a Comment