Friday 30 July 2010

Shiki

mo dhùthchas fhèin
ge b' e dè 'n taobh dham bi mi sealltainn
bidh na beanntan a' gàireachdainn
Santoka

gun taigh-seinnse
san toirinn an oidhche,
a’ ghealach a’ treòrachadh na slighe

Wednesday 28 July 2010

Ryokan

fuirichibh airson solas na gealaich –
tha ‘n casan sa mhonadh
fo chnothan-geanmnaidh
Kamakura

mar a thuiteas a h-uile h-aon air ais,
an solas gun a bhith ‘m follais –
cleasan-teine fad’ às

Monday 26 July 2010

Issa

air là ceathaich,
a’ cabadaich –
eich anns an achadh

Sunday 25 July 2010

Buson

ann an uisge ‘n t-samhraidh,
‘s ann a tha ‘n làrach
air a dhol às an t-sealladh
Basho

an t-earrach a’ fàgail,
na h-eòin a’ gul,
na h-èisg làn sil nan sùl

Saturday 24 July 2010

Soseki

chan eil an t-uisg’ ann tuilleadh:
a’ bheinn a’ sèideadh a-mach
sgòthan an earraich

Friday 23 July 2010

Shiki

smaoinich!
thug am manach air falbh
mus do bhoillsgich a' ghealach

Thursday 22 July 2010

Santoka

fuachd anns a’ chèitean,
mi dol tarsainn
bho eilean gu eilean

Wednesday 21 July 2010

Ryokan

tha mo bhothan sa choille –
sa h-uile h-àite
tha h-uile nì tiugh ‘s uaine

Tuesday 20 July 2010

Kamakura

an t-iasg binn –
a’ ruith le sgàth fhèin,
òg gu buan

Monday 19 July 2010

Issa

a’ falbh
‘s air a cheann clàr-fuinidh –
uisge san earrach

Sunday 18 July 2010

Buson

anns na faochagan –
a’ togail mo chinn,
a’ ghealach os cionn a’ bhinnein

Saturday 17 July 2010

Basho

na neòil a’ dealachadh
eadar an dithis eòlach
às dèidh dhan ghèadh-fhiadhaich falbh

Friday 16 July 2010

Soseki

bho thug thu air falbh,
chan eil blàth
air fhàgail air thalamh

Thursday 15 July 2010

Sogi

tha h-uile càil a bh' ann air falbh
o mo chridh’ air a chrìonadh
gun làrach fhàgail na dhèidh

Wednesday 14 July 2010

Shiki

bàs a' bhodaich:
aodann blàth na gealaich
braim meall-cruinne-na-nathrach

Tuesday 13 July 2010

Santoka

san fheur air a bhreabadh
leis an each,
dìtheanan fo bhlàth

Monday 12 July 2010

Ryokan

tha na fiùrain seilich fo bhlàth!
tha mi ‘g iarraidh na blàthan a chàrnadh
mar an sneachda shuas mun aonach

Sunday 11 July 2010

Kyoshi

an giolcach
a thug bàrr a-mach
is a tha a-nis a' seargadh

Saturday 10 July 2010

Kamakura

greadadh bhon a’ ghrèin:
a-mach à mo sgàth fhèin
fuaim sgiathan

Friday 9 July 2010

Issa

meacan-ruadh ga bhuain,
aon air aon –
a’ sealltainn air na sgòthan

Thursday 8 July 2010

Buson

Basho air falbh
‘s bhon uair sin cha tàinig crìoch
air a’ bhliadhna riamh

Tuesday 6 July 2010

Basho

grian a’ gheamhraidh
air muin an eich
m’ fhaileas air a reothadh
Soseki

os cionn na coille sa gheamhradh,
a’ ghaoth ri sgal na cuthach
gun duilleagan ri sèideadh

Monday 5 July 2010

Sogi

fiu san tìr anns a bheil a’ ghrian
fuilingidh a h-uile h-aon
a th' air mhaireann

Sunday 4 July 2010

Shiki

bèisteagan a’ glaoch;
a’ ghealach a’ tighinn a-mach,
an gàrradh nas dorcha buileach

Saturday 3 July 2010

Santoka

uisge sa gheamhradh –
bha daoine cho laghach.
mo shùilean ri sileadh

Friday 2 July 2010

Kyoto fo dhìle fad an t-samhraidh
‘s an Dùbhlachd an uair sin cho blàth,
saijiki a’ dol a dholaidh

Thursday 1 July 2010

Ryokan

fad’ air falbh,
na gillean-cràigein a’ gràgail mun airigh –
òran-aonair an fhionnairidh