Monday 31 January 2011

Basho

dealain-dè air an slighe
an raon làn grèine,
sin uile

Sunday 30 January 2011

Issa

mearachadh-sùl’ a’ ruith
‘s a’ dol air falach –
achaidhean air an seacadh

Saturday 29 January 2011

Buson

sàmhach ann an achadh
le craobhan-daraich
gealach a' gheamhraidh

Friday 28 January 2011

a' nochdadh air fàire mar aiteal
's a' dol fodha gun dàil -
caraid nan Gàidheal

Thursday 27 January 2011

Basho

an fheadhainn a chumas a-mach
gum bi clann gan sàrachadh –
cha bhi dìtheanan ann dhaibh

Wednesday 26 January 2011

Issa

gaoth sa gheamhradh –
an t-òranaiche-sràide ris a’ chamhanaich
air ghurraban ris an talamh

Tuesday 25 January 2011

Buson

tha e na chamhanaich:
èisg a theich bho na sgairbh
a' snàmh san tanalach

Sunday 23 January 2011

Basho

aiteal den dealanaich:
a-steach den dorchadas a' falbh
sgreuch aig corra-ghritheach

Saturday 22 January 2011

Issa

air taigh a’ choimhearsnaich
far a bheil deatach ag èirigh –
uisge-geamhraidh

Friday 21 January 2011

Buson

do mo shùilean tha e aoibhinn -
gaoithrean mo leannain,
geal fhèin

Thursday 20 January 2011

Basho

gealach as t-samhradh –
na basan agam gam bualadh,
a’ cur fàilt' air an sgarthanaich

Tuesday 18 January 2011

Issa

an reothadh anns a’ chamhanaich,
aig doras an taigh-fhailcidh,
cnogadh

Monday 17 January 2011

Buson

far an coinnich na h-aibhnichean,
chanadh tu gun robh sàmhchair ann -
an t-uisge glan

Sunday 16 January 2011

Basho

le fàileadh cùbhraidh,
a’ ghrian seo gun fhiost’ a’ diùcadh
am feadh slighe san t-sliabh
Issa

a’ chiad reothadh –
guth boireannaich
ri ùrnaigh

Saturday 15 January 2011

Buson

a' treabhadh achaidh!
ged nach d'rinn na neòil carachadh,
tha iad air falbh

Friday 14 January 2011

Basho

fosgladh an dorais-shleamhnachaidh
san fhoghar leis a’ ghaoith –
iolach tollaidh

Thursday 13 January 2011

Issa

an fheannag a’ meòrachadh:
tha a-màireach
ann an-còmhnaidh

Wednesday 12 January 2011

Buson

feur ann an ceathach
is uisg' a' siubhal gu sàmhach,
an là ri fannachadh

Tuesday 11 January 2011

Basho

uisge san earrach –
sìos nead nan speach
uisg’ a’ snigheadh tron a’ mhullach

Sunday 9 January 2011

Issa

teine-connlaich –
a’ bhliadhna seo a’ falbh
suas ann an deatach
Buson

thàinig an lòn 's an abhainn
còmhla mar aon
ann an uisg' a' chèitein

Friday 7 January 2011

Basho

cuir gath san amadan
a tha measail air a’ ghealaich is na blàthan!
an ràith’ as fhuair’ air tighinn
Issa

an luch sealbhach
a’ dol tarsainn, an uair sin a’ tilleadh –
a’ chiad deigh

Thursday 6 January 2011

Buson

uisge san earrach
is gun chomas agam air sgrìobhadh -
cho dòrainneach!

Wednesday 5 January 2011

Basho

dìreach an-diugh
bitheamaid nar bodaich –
a’ chiad fhras den a’ gheamhradh

Tuesday 4 January 2011

Issa

sìos gu smior,
cho fuar fuar –
an sagart ùr

Monday 3 January 2011

Buson

fras as t-earrach,
dìreach gu leòr gus maorach
a' chladaich a fhliuchadh

Saturday 1 January 2011

abair turas aoibhinn –
a’ siubhal sa charbad-iarainn
seachad air Beinn Dòbhrain
Bells

Na mo shìneadh anns an taigh-sheinnse
‘S na gillean ri seinn,
‘S ann a dhùisg mi
Gun fhiosta ‘s thug mi sùil air an uaireadair:
NEONI NEONI: NEONI NEONI: NEONI NEONI
NEONI NEONI.NEONI AON
DHÀ NEONI AON AON – ‘s e th’ ann –
Tha fios nach e! – latha na h-aoise dhomh fhìn
‘S beum nam Bells a’ chiad char
Dhen a’ Bhliadhn’ Ùir le chèile.