Sunday 28 February 2010

Seido

bruthainn a' Chèitein,
's iad a tha bàn,
aodannan nam maighdeann

Friday 26 February 2010

mun àirigh
dhan togadh an sluagh an imrich,
crodh Gàidhealach gun charachadh

Thursday 25 February 2010

Seibi

na mo laigh' air mo dhruim-dìreach,
mo bheul ga lìonadh
le grian an earraich

Tuesday 23 February 2010

deireadh an fhoghair,
na Granny Smith’s fhathast am bàrr
anns an lios mun cluicheadh iad uair
Santoka

seo a' chlach, bog bàthte
leis an uisge
's i a' comharrachadh na slighe

Sunday 21 February 2010

aig an taigh, tobhta
‘s dìosgan còmhla,
snighe-dubh ‘s tighinn-fodha
Saimaro

feasgar san earrach;
na sgòthan tùrsach;
bratach a' snàmh

Saturday 20 February 2010

ann an Innis Tìle,
gann mìle mìle
air ais a dh’Ì le

Friday 19 February 2010

Ryoto

tha mi tuigsinn:
cuthag a' goirsinn
sa chamhanaich an-diugh sa mhadainn

Wednesday 17 February 2010

bodach agus brèideag
aig tàmh ann am Port Asgaig
a’ feitheamh air an aiseag
Ryota

cha tuirt duine guth,
fear-an-taigh', an t-aoigh,
creamh-na-muice-fiadhaich

Tuesday 16 February 2010

an Cùl na Beinne,
gun taigh gun duine,
tuath-gaoithe

Monday 15 February 2010

Raishi

's e tha bhuam bàs obann
agus mo shùilean
air an socrachadh air Sgurra nan Gillean

Sunday 14 February 2010

agus, as t-oidhche,
ri breithneachadh ri sgàile
gun aithne san sgàthan bhriste

Saturday 13 February 2010

Onitsura

foghar - mi a' sealltainn
air a' ghealaich gun leanaban
agam air mo ghlùin

Friday 12 February 2010

a’ sealltainn thar Chaolas Shlèite
ris an aon aiseag mun fhàire
‘s a bh’ ann o chionn uair a thìde

Thursday 11 February 2010

Mizuno

fear ann an eilean leis fhèin
a' toirt ainmean
air na gaoitean 's na h-uisgeachan ann

Tuesday 9 February 2010

nach buidhe!
Bealltainn agus a’ bhuaile
làn de bhlàthan-grèine
Mizue

's iad nan cadal-suain
sgaoilear na beanntan
le gilead eun

Monday 8 February 2010

cho bòidheach!
leatha fhèin a’ dol à blàth –
lòineag-an-earraich

Sunday 7 February 2010

Minghua

às dèidh a' chathaidh
rionnagan air an reothadh
air an loch

Saturday 6 February 2010

clisgeadh! am fiadh-ruadh
a-muigh air an t-snàmh
‘s am foghar a’ nochdadh

Friday 5 February 2010

Midorijo

an dèidh cadal-suain
gun driùchd, nach i tha faisg oirnn,
a' bheinn

Thursday 4 February 2010

taisbeanadh!
a’ ghrian air a glacadh na sgàth
air mullach sabhal a’ bhodaich

Wednesday 3 February 2010

Meisetsu

a’ ghaoth ri sèideadh gu liath,
a’ ghrian ri socrachadh
tro rasan a’ gheamhraidh

Tuesday 2 February 2010

an sneachd' a' tuiteam far a' mhullaich
agus na h-uain gam breith -
teàrnadh