Wednesday 31 March 2010

an Gleann Dail, Caladh Feàrna ri balg ri grèin
‘s ag ionndrainn an àit’ aige fhèin
‘s nan ràithean a bh’ ann

Tuesday 30 March 2010

Sodo

a' coiseachd - mo sgàth
ri mo thaobh
a' toirt sùil air a' ghealaich

Monday 29 March 2010

aig an taigh, tobhta
‘s dìosgan còmhla,
snighe-dubh ‘s tighinn-fodha

Sunday 28 March 2010

Soda

dealan-dè a' fàgail 's a' tilleadh -
anns an ùine sin dh'fhaodadh
a' chreag falbh à bith

Saturday 27 March 2010

bodach agus brèideag
aig tàmh ann am Port Asgaig
a’ feitheamh air an aiseag

Friday 26 March 2010

Shuson

craobhan air an call sa cheathach -
boillsgeadh fad' air falbh
a' dol na chorra-ghritheach

Thursday 25 March 2010

air Cùl na Beinne
gun taigh gun duine,
tuath-gaoithe

Wednesday 24 March 2010

Shuson Kato

faram fann
gun a bhith a' fuasgladh nan rìbheidean
breac-a'-mhuiltein

Tuesday 23 March 2010

agus, as t-oidhche,
ri breithneachadh ri sgàile
gun aithne san sgàthan bhriste

Monday 22 March 2010

Shohaku

leanaban
ag ithe leis fhèin –
camhanaich anns an t-Sultain

Sunday 21 March 2010

a’ sealltainn thar Chaolas Shlèite
ris an aon aiseag mun fhàire
‘s a bh’ ann o chionn uair a thìde

Saturday 20 March 2010

Shogetsu

foghar a' tighinn gu crìch:
bidh gillean-cràigein a' socrachadh
sìos mun talamh

Friday 19 March 2010

mun an rèidh
ri làr an doire, sreath
dìreach de phiollagan-achaidh

Thursday 18 March 2010

Shirao

a' cur sìos teine
fo nead nan gòbhlan-gaoithe;
feasgar làn uisge

Wednesday 17 March 2010

nach buidhe:
Là Bealltainn air feadh na beinne,
teine

Tuesday 16 March 2010

Shintoku

gèadh-fiadhaich
a' tuiteam sìos m' amhach -
oidhche-reothaidh

Monday 15 March 2010

an rèiteach, boglach,
capall-coille, cearc-fhraoich
is tuath air a thrèigsinn buileach

Sunday 14 March 2010

Shiki

là san earrach,
làrach air làraich
de chasan sa ghainmhich

Saturday 13 March 2010

gun sneachda,
tàrmachain air feadh an tundra,
ruadh fad na bliadhna

Friday 12 March 2010

Shiho

ann an uisg' an t-samhraidh,
chan eil air ach a bhith a' dèanamh
na tha fear-an-eich ag ràdh

Wednesday 10 March 2010

a’ cur thuige ‘n teine
le The Star oidhche,
mìrean a’ falbh don àile
Sekitei

tàirneanach as t-earrach;
am badeigin fad' air falbh,
uiseag a' ceileireadh

Tuesday 9 March 2010

a’ cur thuige ‘n teine
ri moch na maidine,
grian air fàire

Sunday 7 March 2010

Seishi

san achadh sheargte
an seo 'n deàrn mo bhoise -
dol-fodha-na-grèine
air an Tairbeart oidhche gun tàmh
agus, a cheart cho luaineach,
an Hebrides ri caladh

Saturday 6 March 2010

Seisensui

feasgar as t-samhain -
sgàile 's mi fhìn,
a' sgrìobhadh mu mo dheidhinn

Friday 5 March 2010

an aois, an solas geal
agus mo shùil
ris an tràigh thall

Thursday 4 March 2010

Seisei

uisge fuar sa gheamhradh;
chan eil duine 'g ràdh guth
san eathar air chruaidh

Wednesday 3 March 2010

Kyoto fo dhìle fad an t-samhraidh
‘s an Dùbhlachd an uair sin cho blàth,
saijiki a’ dol a dholaidh

Tuesday 2 March 2010

Seira

a' togail an adharc, an crodh
a' coimhead air an t-sliabh
anns a' mhòinteach as t-samhradh

Monday 1 March 2010

soillseachadh ris an oidhche,
teine-biorach mun uisge
‘s na croinn air an fhàire