Sunday 31 July 2011

Issa

‘s ann aige
tha ‘m fradharc as fheàrr uile –
am fear-brèige

Saturday 30 July 2011

Issa

cìrean a’ choilich
a’ sileadh sìos gu sèimh –
uisge ‘n earraich

Thursday 28 July 2011

Issa

deich de bhramaichean
no mar sin –
‘s e oidhche fhada bh’ ann
Issa

am feur a’ luasgadh –
a’ fàgail soraidh
slàn leis an earrach

Tuesday 26 July 2011

Issa

clachan-meallain –
Sìle-nan-Cìoch fhèin
ri ràn
Issa

an leanabh a tha ‘n sin, uair is uair
a’ feuchainn ri breith air
gealach-an-fhoghair

Monday 25 July 2011

Issa

gaoth san fhoghar –
bha uair
a bha sin fhèin ùr

Friday 22 July 2011

Issa

m’ aodann falamh
air a bhrathadh
leis an dealanaich
Issa

tuathanach
a’ tomhadh is a' treòrachadh
le meacan-ruadh

Thursday 14 July 2011

Issa

a dhol air ais nam phàiste
Là na Bliadhn Ùire –
nach b’ aoibhinn e!


bidh an seileach
ag umhlachadh ron a’ chaillich
a tha ris an obair-nighidh


an saoghal seo làn den dealt –
saoghal làn dealta, gu deimhinne dhut
ach fhathast, fhathast


a’ chraobh-phlumais fo bhlàth
‘s gun bhoinne sake san taigh –
mo chreach!


stad ort, fhir na h-eathrach, na mùin
air a’ chladach sin
an lùib nan tonn


moch anns a’ mhadainn
anns a’ gheamhradh uaignidh fhèin –
dè ‘n deatach caol a tha ‘n sin?


bidh iad a’ crathadh
is gun bheann ac’ air duine sam bith –
na caileagan-achaidh


bidh ‘n creabhar a’ glaodhaich:
an rathad seo gu cinnteach
a tha na caileagan-achaidh


na feannagan a’ cruinneachadh
anns an aon làraich –
sneachd’ a’ leaghadh

Tuesday 12 July 2011

Issa

a’ falbh leis na dìdeagan
oidhche ‘s an t-uisg’ ann
anns an t-Samhain
Issa

mo rogha sgarbh –
am fear a bhios a’ tilleadh
is a ghob falamh

Monday 11 July 2011

Issa

glag an teampaill air a reothadh -
air taobh seo ‘n aonaich
mi gam lathachadh anns an leabaidh

Sunday 10 July 2011

Issa

èisg-airgid a' tàrrsainn -
màthraichean,
athraichean, clann

Saturday 9 July 2011

Issa

achadh as t-samhradh -
tàirneanach
no mo bhrù fhalamh?

Friday 8 July 2011

Issa

mun achadh,
feannag a' carachadh
mar gun robh i 'g àrach

Thursday 7 July 2011

Issa

uiseag an fhionnairidh!
tha mo chridh' a' dòrtadh
le cùram an là a-màireach

Tuesday 5 July 2011

Issa

dh'fhaodadh iad a bhith
a' cabadaich mu làithean ceathaich -
eich anns an achadh
Issa

an spìdeag a’ nochdadh
le sgàth –
uinneag as t-earrach

Monday 4 July 2011

Issa

an t-earrach a’ tighinn cho math
don taigh air a thughadh le luibhearnach –
an t-uisge san fhionnairidh