Thursday 14 July 2011

Issa

a dhol air ais nam phàiste
Là na Bliadhn Ùire –
nach b’ aoibhinn e!


bidh an seileach
ag umhlachadh ron a’ chaillich
a tha ris an obair-nighidh


an saoghal seo làn den dealt –
saoghal làn dealta, gu deimhinne dhut
ach fhathast, fhathast


a’ chraobh-phlumais fo bhlàth
‘s gun bhoinne sake san taigh –
mo chreach!


stad ort, fhir na h-eathrach, na mùin
air a’ chladach sin
an lùib nan tonn


moch anns a’ mhadainn
anns a’ gheamhradh uaignidh fhèin –
dè ‘n deatach caol a tha ‘n sin?


bidh iad a’ crathadh
is gun bheann ac’ air duine sam bith –
na caileagan-achaidh


bidh ‘n creabhar a’ glaodhaich:
an rathad seo gu cinnteach
a tha na caileagan-achaidh


na feannagan a’ cruinneachadh
anns an aon làraich –
sneachd’ a’ leaghadh

No comments:

Post a Comment