Wednesday 30 June 2010

soillseachadh ris an oidhche,
teine-biorach mun uisge
‘s na croinn air an fhàire

Monday 28 June 2010

Kyoshi

a' falbh a-mach air an doras
às dèidh feasgar anns an eaglais -
dìthean a' fàs
mun àirigh
dhan togadh an sluagh an imrich,
crodh Gàidhealach gun charachadh

Sunday 27 June 2010

Kobayashi

fras a chlisgeadh
mi a' marcachd gun aodach
air muin eich gun fhionnadh

Saturday 26 June 2010

deireadh an fhoghair,
na Granny Smith’s fhathast am bàrr
anns an lios mun cluicheadh iad uair

Thursday 24 June 2010

Kamakura

am bodach marbh,
clach ga caitheamh
thairis air abhainn as t-earrach
aig an taigh, tobhta
‘s dìosgan còmhla,
snighe-dubh ‘s tighinn-fodha

Wednesday 23 June 2010

Issa

abair sàmhach!
gu domhain san loch,
sgòthan a’ brùchdadh

Monday 21 June 2010

ann an Innis Tìle,
gann mìle mìle
air ais a dh’Ì le
Buson

deireadh an earraich –
am bàrd a’ meòrachadh
mu luchd-deasachaidh

Sunday 20 June 2010

bodach agus brèideag
aig tàmh ann am Port Asgaig
a’ feitheamh air an aiseag

Saturday 19 June 2010

Basho

claban
ris ann an achadh nam inntinn -
a' ghaoth a' tolladh mo cholainn

Friday 18 June 2010

an Cùl na Beinne,
gun taigh gun duine,
tuath-gaoithe

Thursday 17 June 2010

Soseki

tha ‘n fheannag air falbh:
ann an grèin an fheasgair a’ luasgadh,
craobh gun duilleach

Wednesday 16 June 2010

agus, as t-oidhche,
ri breithneachadh ri sgàile
gun aithne san sgàthan bhriste

Tuesday 15 June 2010

Sokan

fiù ‘s nuair a bh ‘m bodach
na shìneadh is gu bhith marbh,
lean mi orm a’ bramadaich

Monday 14 June 2010

a’ sealltainn thar Chaolas Shlèite
ris an aon aiseag mun fhàire
‘s a bh’ ann o chionn uair a thìde

Sunday 13 June 2010

Sogi

am faic sinn an t-àm a-chaoidh
a bheir do rìoghachd sìth
do gach sruth ‘s bruthach?

Saturday 12 June 2010

Shiki

bruthainn eagallach -
tha m' inntinn 's i na tuainealaich
ag èisteachd ris an tàirneanaich

Thursday 10 June 2010

àm na Nollaige –
teaghlach tàmhach ri chèile
ri cois na cagailte brèige
Santoka

gun chàil chruthaichte
ri ithe
an-diugh ri èirigh na grèine

Wednesday 9 June 2010

mun an rèidh
ri làr an doire, sreath
dìreach de phiollagan-achaidh

Tuesday 8 June 2010

Ryokan

a’ dol air faoighe ‘n-diugh san earrach,
stad mi gus bròg-na-cuthaig’ a spìonadh –
och, an là air falbh!

Sunday 6 June 2010

Onitsura

soirbheas;
lìonar flathanas
le guth nan giuthas

Saturday 5 June 2010

an rèiteach, boglach,
capall-coille, cearc-fhraoich
is tuath air a thrèigsinn buileach

Thursday 3 June 2010

Kyoshi

air a chur fo thàire
le sùil na h-iolaire -
fear anns a' bhuaile
a Thighearna Mhòir!
a-muigh air a’ bhlàr
Là Nollaig’ a’ gearradh an fheòir

Tuesday 1 June 2010

Kyorai

balaich an iasgaich air falbh
's an cladach air fad falamh -
tonn-a'-chladaich
a’ cur thuige ‘n teine,
gaoirsinn coire,
lite