Wednesday 22 February 2012

ann an Helmand air ùir air a seacadh,
fear ag iomain a chuid chaorach
tro bheàrn air cho beag anns a’ ghàrradh

Sunday 19 February 2012

na làithean a’ falbh air mo bheulaibh
‘s na dathan, geal, dubh, dubh
‘s buidheachas mu dheireadh

Friday 17 February 2012

ìsle-làin ‘s mnathan air an glùin
ann an sreath sna faochagan
mar ghrìogagan air paidirean