Monday 31 May 2010

Koyo

seargadh mun t-sliabh;
a' ghrian a' deàrrsadh
air na h-aonaichean fad' air falbh

Sunday 30 May 2010

a’ cur thuige ‘n teine
ri moch na maidine,
grian air fàire

Saturday 29 May 2010

Kobayashi

's e a' chuthag a bh' ann –
a chuileagan 's a bhiastagan,
èistibh gu cruinn!

Friday 28 May 2010

air an Tairbeart oidhche gun tàmh
agus, a cheart cho luaineach,
an Hebrides ri caladh

Wednesday 26 May 2010

Kijo

oidhche san earrach,
a' chlann agam a' caoineadh
gu cadal de shìth
an aois, an solas geal
agus mo shùil
ris an tràigh thall

Tuesday 25 May 2010

Kamakura

air an dìon leis an adhar liath
's leis a' bhodach -
gealbhain an t-samhraidh

Monday 24 May 2010

Kyoto fo dhìle fad an t-samhraidh
‘s an Dùbhlachd an uair sin cho blàth,
saijiki a’ dol a dholaidh

Sunday 23 May 2010

Issa

spìdeag a’ ceileireadh,
sa cheann a deas, gèadh
a’ gogadaich

Saturday 22 May 2010

soillseachadh ris an oidhche,
teine-biorach mun uisge
‘s na croinn air an fhàire

Wednesday 19 May 2010

Hoshino

na seangain a bhios mi a' sguabadh
air falbh, càite 'm bi iad a' falbh
an ainm Nì Math?
mun àirigh
dhan togadh an sluagh an imrich,
crodh Gàidhealach gun charachadh

Tuesday 18 May 2010

Hosha

nathair a' bàsachadh,
faisg air làimh
clann a' meabadaich

Monday 17 May 2010

deireadh an fhoghair,
na Granny Smith’s fhathast am bàrr
anns an lios mun cluicheadh iad uair

Sunday 16 May 2010

Hosai

a h-uile là, bidh feòil
a' fàs caol
's cnàmhan a' fàs dòmhail

Saturday 15 May 2010

aig an taigh, tobhta
‘s dìosgan còmhla,
snighe-dubh ‘s tighinn-fodha

Friday 14 May 2010

Dakotsu

tha m' inntinn
cho ciùin ciùin
's mi a' saltairt air na duilleagan

Thursday 13 May 2010

ann an Innis Tìle,
gann mìle mìle
air ais a dh’Ì le

Wednesday 12 May 2010

Chiyo

bidh mi nam chadal 's nam dhùsgadh -
cho farsaing 's a tha 'n leabaidh
gun duine ri do thaobh

Tuesday 11 May 2010

bodach agus brèideag
aig tàmh ann am Port Asgaig
a’ feitheamh air an aiseag

Monday 10 May 2010

Buson

ialtag ag imrich
ann an solas na gealaich
os cionn nam blàth

Sunday 9 May 2010

an Cùl na Beinne,
gun taigh gun duine,
tuath-gaoithe

Saturday 8 May 2010

Basho

an lùib nam mìrean-sgrìobaidh
ainm neach
dhan tug mi gràdh

Friday 7 May 2010

agus, as t-oidhche,
ri breithneachadh ri sgàile
gun aithne san sgàthan bhriste

Wednesday 5 May 2010

Seifu-jo

aodannan nan naoidhean
cha robh e nam rùn
fàs sean
a’ sealltainn thar Chaolas Shlèite
ris an aon aiseag mun fhàire
‘s a bh’ ann o chionn uair a thìde

Tuesday 4 May 2010

Masahide

chaidh ‘n sabhal a losgadh gu talamh
‘s lèir dhomh
a’ ghealach mu dheireadh

Monday 3 May 2010

àm na Nollaige –
teaghlach tàmhach ri chèile
ri cois na cagailte brèige