Thursday 24 November 2011

Trì Uairean sa Mhadainn

Aig trì uairean sa mhadainn,
Tha solas gu leòr a dh’fhaicinn
Gu bheil an smùid
A dh’fhàisgeadh às a’ chluain seo ‘s an ceathach
A bha mar sgàil’ air làithean-saora sa mhadainn
‘S tusa nad ghiullan car an aon rud.
Bidh ‘n guilbneach a’ seinn
Mar a sheinn e riamh.
Chan e, ‘s e ‘n diùbhras a th’ ann
Dìreach nach eil an aon bhuaidh
Aig na dhà dhiubh.
Tha e na chùis-oillt fàs mothachail gu h-obann
Nach eil thu idir a’ faireachdainn
Cho math ‘s a bhiodh tu ‘n uair sin
‘S nach bi, faodaidh tu bhith cinnteach,
A-rithist a thuilleadh.


Peter Reading 1946-2011

Saturday 12 November 2011

a’ tilleadh ris a‘ bheinn
leam fhìn, gun fhiost’ a’ tighinn
air mo lorg fhìn

Friday 11 November 2011

Cuimhne
(Mícheál D. Ó hUiginn, Bàrd de Shliochd Bhàrd agus Ceann-suidhe na h-Èireann)

Mar a thuirt Ricoeur,
'S ionann a bhith air do chur air falbh o chuimhne
‘S dol bàs dà thuras
.
Is cha mhoth’ a bu chòir
Call-cuimhne dhèanamh
Den ainneart.
Is leòr mar mhionaideachd mathanas coitcheann.
Is cò aig’ a tha brath
Am bi a leithid a leigheas
Comasach ri tìde
Gus am bi feasgar
Làn mathanais
Airidh air an dol air adhart.
Nì sinn daingneachadh.
Tha smior an dòchais a’ smèideadh oirnn.
A-mach às an dorchadas
Bheir sinn ceum is nì sinn caogadh
A-steach don t-solas ùr.


Latha Cuimhneachaidh 2011

Tuesday 8 November 2011

claidheamh-cruadhaich ga chruthachadh
agus gu bhith ullamh -
buill' eile 's thèid e na sprùilleach


bodach-sneachda leis fhèin sa bhuaile
's e 'g èisteachd ris na deòir-uisge
's iad a' fàgail soraidh slàn aige