Sunday 22 January 2012

Aon turas, an taobh thall nan sùmainn,
Fhuair mi dalladh
De dh' eun geal
Is thuit mi an gaol
Leis a' mhearan
A bhios ga thathaich.

(Akiko)

Saturday 21 January 2012

Agus mi air ceann mo thurais
A thoirt a-mach mu dheireadh thall,
Tha mi mothachail
Gu bheil mi air a bhith nam dhall
Air nach eil eagal
Bhon dorchadas.

(Akiko)

Thursday 19 January 2012

'S mi a' dlùthachadh
Ri baile na beinne
Tro chamhanaich an earraich,
Bidh mi a' cluinntinn clag dol-fodha-na-grèine
'S e a' bualadh
Tro bhileagan a' falbh le gaoith.

(Noin)
Feumaidh mi dealachadh riut
Ach ma chluinneas mi fuaim
Nan giuthas a tha fàs
Mu Loch an Tuim,
Thig mi air ais
Anns an spot.

(Aiwara no Yukihira)

Wednesday 18 January 2012

Bidh mi ri laighe
Gu ruig' eadradh-na-maidne
'S ag èisteachd ri balaich na h-aibhne
'S iad ag iomradh air Allt na Bèiste.

(Yakamochi)

Tuesday 17 January 2012

dè tha e smaoineachadh ris fhèin,
ag iasgach is am feasgar a’ teireachdainn,
am bodach air gob Leac nan Uan?

Monday 16 January 2012

Cuthag a' gaoirsinn.
Nuair a sheallas mi chan eil ann
Ach a' ghealach a' cùlachadh
Tràth sa chamhanaich.

(Fujiwara no Sanesada)

Sunday 15 January 2012

D. H. Lawrence

Thuig sibh an gaol san fhuath,
Thuig sibh a’ ghràin ud nach gabh
Gaol sam bith snìgheadh na bhroinn.
Thuig sibh na riaghailtean
A bha còir aca briseadh
Agus thuig sibh ‘n riaghailt agaibh fhèin
Nach robh còir briseadh
Is nach do bhris sibh idir ann –
Ged nach do dh aithnich luchd-riaghailt sibh
Is na riaghailtean agaibh fhèin gan dìon agaibh
Gu sàmhach searbh sèimh
Èibhinn seasgair sàmhach.


Pearse Hutchinson (1927 gu 2012)
Cha robh còir agam feitheamh.
Bha e air a bhith na b' fheàrr
Cadal a dhèanamh 's bruadar
Na bhith coimhead
Air an oidhche dol seachad
Is a' ghealach mhall seo dol foidhp' air mo bheulaibh.

(Akazome Emon)

Saturday 14 January 2012

agus an dealan air falbh san oidhche,
sinn a’ leughadh an cois an teine
gun fhuaim - Kindle