Sunday 15 January 2012

D. H. Lawrence

Thuig sibh an gaol san fhuath,
Thuig sibh a’ ghràin ud nach gabh
Gaol sam bith snìgheadh na bhroinn.
Thuig sibh na riaghailtean
A bha còir aca briseadh
Agus thuig sibh ‘n riaghailt agaibh fhèin
Nach robh còir briseadh
Is nach do bhris sibh idir ann –
Ged nach do dh aithnich luchd-riaghailt sibh
Is na riaghailtean agaibh fhèin gan dìon agaibh
Gu sàmhach searbh sèimh
Èibhinn seasgair sàmhach.


Pearse Hutchinson (1927 gu 2012)

No comments:

Post a Comment