Saturday 26 May 2012


sliabh a’ nochdadh thall ud
          is uisgeachan Iòrdain a’ sruthadh seachad –
                  Gilead

Monday 21 May 2012


beum-slèibhe sa bhealach
          far an rachamaid a’ sìtheadh
                   nar linn leis a' bhruthaich

Wednesday 16 May 2012


tòrradh feasgar Diluain,
          clachan taobh ris a’ chuan,
                   ciùin agus làn

Tuesday 15 May 2012

na beannachdan àbhaisteach aig an tòrradh aig an doras: tha mi duilich, chan eil guth ri ràdh