Sunday 31 October 2010

Buson

uisge san earrach
is gun chomas agam air sgrìobhadh -
cho dòrainneach!

Saturday 30 October 2010

Basho

sgreuch sgreuchag-uisge
na bragadaich mun reothadh as t-oidhche
's mi nam shuidhe

Friday 29 October 2010

Issa

aon chraobh,
aon raon tuathanaich –
fionnaraidh

Thursday 28 October 2010

Buson

fras as t-earrach,
dìreach gu leòr gus maorach
a' chladaich a fhliuchadh

Wednesday 27 October 2010

Yu Chang

uisge bog blàth,
gealach an earraich a’ tilleadh
air a’ chrogan mheirgeach

Monday 25 October 2010

Basho

cho sàmhach!
far a bheil dealbh an crochadh,
pìobaire-'n-teallaich

Thursday 21 October 2010

Issa

uisge glan on t-sliabh -
daoine tighinn ‘s a’ falbh
ga dhèanamh salach

Saturday 16 October 2010

fhathast air a’ mhonadh
agus an latha dol na chiaradh,
crodh-dubh

Friday 15 October 2010

Buson

dath 's fàileadh
cruth a chunnacas a' falbh -
imeachd an earraich
Basho

tàrmachan-dè air an imrich
leis fhèin - is air an achadh
fo shoillse na grèine, sgàth

Wednesday 13 October 2010

agus a’ ghealach làn ‘s tràigh ann,
ri muasgan ‘s ri dàn
air cladach falamh gu madainn

Tuesday 12 October 2010

Issa

an coire na h-eanraich
is anns a’ bhàthaich,
gealach an t-samhraidh

Monday 11 October 2010

san fhearann às an tug mo chuideachd
an teachd-an-tìr, mi a' coiseachd
leam fhìn an-diugh mar chur-seachad

Sunday 10 October 2010

Buson

an-dè air tighinn gu crìch,
an-diugh a-rithist bidh crìochnachadh -
an t-earrach a' falbh

Friday 8 October 2010

an dùil an e Clann MhicCruimein a th’ ann,
an fheadhainn gam blianadh fhèin
air an sgeir anns a’ chuan?

Thursday 7 October 2010

Basho

bidh oiteag sa gheamhradh a' falbh
an lùib nan cuilcean a-mach à sealladh
is a' socrachadh na fèath

Wednesday 6 October 2010

an làn a’ tighinn a-steach
agus an uair sin a’ falbh –
asal-cladaich

Tuesday 5 October 2010

Issa

oidhche gheàrr as t-samhradh,
am feur fo bhlàth –
siosarnaich
cadalan a’ carachadh
agus oiteag shèimh –
chan eil meadhan-latha fad’ air falbh

Sunday 3 October 2010

Buson

an t-aodach cùbhraidh
fhathast gun a bhith air a chur air falbh -
beul na h-oidhche san earrach
Latha Bealltainn, a’ sealltainn
air an fheadhainn air bhog anns a’ Mhuir Mharbh –
cuileagan a’ suathadh

Friday 1 October 2010

Basho

a' luathadh clò ann am baile -
cù a' donnalaich airson a chèile
le truaighe