Wednesday 29 December 2010

Nollaig is a' chlann air èirigh
's a' sireadh na dh'fhàg am bodach -
gormanaich
a chlisgeadh, cearc-fhraoich
ar èirigh 's a' falbh cho luath
's cho dlùth ris an talamh
Basho

a’ ghealach làn,
mi ri siubhal mun lòn –
tha càil an latha air tighinn

Tuesday 28 December 2010

Issa

na bèisteagan air an taobh a-muigh
cuideachd ri borbhanaich –
taigh ‘n lùib nan craobh

Monday 27 December 2010

a monk on the hill
chants his beads; yon moon is full
on the Sound of Mull

Sunday 26 December 2010

Buson

dath 's fàileadh
riochd a chunnacas a' falbh -
fàgail an earraich

Saturday 25 December 2010

Basho

toiseach na Sultaine –
raon, fairge,
aon uaine

Friday 24 December 2010

Issa

dealan-dè ‘s tarbh-nathrach
air an sèideadh air falbh –
mial-bramadaich

Thursday 23 December 2010

Buson

an-dè air tighinn gu crìch,
an-diugh a-rithist bidh crìochnachadh -
an t-earrach a' falbh

Wednesday 22 December 2010

Basho

a’ fàgail soraidh,
le grèim agam air connlach
mar thaic dhomh

Tuesday 21 December 2010

Issa

daoine falbh,
deich mìle lòchran a’ bàsachadh –
langananaich nam fiadh

Monday 20 December 2010

Buson

an t-aodach cùbhraidh
fhathast gun a bhith air a chur air falbh -
beul na h-oidhche san earrach

Sunday 19 December 2010

71/72 was it? - all I remember
of that particular November
is Chris Garland and Steve Kember

Saturday 18 December 2010

a man like Bertolt Brecht
falls on the street in Dunecht -
it's a sair fecht

Friday 17 December 2010

Basho

aghaidh nam bodach
a tha cho measail air an deoch –
dealanach

Thursday 16 December 2010

Issa

suas an sruth, baile,
dìreach fad ùine,
cleasan-teine

Tuesday 14 December 2010

Buson

thar nan soithichean
fuaim ceum nan rodan -
am fuachd a th' ann!

Monday 13 December 2010

an aon cheòl air cùl an taighe -
cailleach-oidhche sa choille
's coileach-gaoithe ri càil na maidne

Sunday 12 December 2010

Basho

cnap-gaoithe sa gheamhradh –
gruaidhean air an at gu cràiteach,
aodann fireannaich
Issa

taigh mo leannain,
air a chùl raon
làn de dhìtheanan

Saturday 11 December 2010

Buson

abair gealach -
tha 'm meirleach
a' stad gus òran a ràdh

Friday 10 December 2010

Seòladh
(Liu Xiaobo)

Mus tèid sibh don taigh chaol,
Feuch an sgrìobh sibh dham ionnsaigh
Le ur luath,
Feuch am fàg sibh
Ur seòladh
Anns an t-saoghal ìseal.

Thursday 9 December 2010

Basho

iasgach nan sgarbh:
abair suathadh,
abair dòrainneach
Issa

luchd-siubhail air an slighe
‘s èirigh na grèine –
saoghal driùchd na maidine

Wednesday 8 December 2010

Buson

mìltean de reothadh -
air an loch,
's ann leam fhìn a tha ghealach

Tuesday 7 December 2010

Basho

gealach-an-abachaidh –
an tìde sa cheann a tuath
cho caochlaideach!

Monday 6 December 2010

chunnaic mi bhuam air Cnoc na Buaile Càrnaich
carraighean-cuimhne sa chamhanaich
(no 'n e bh' agam caoraich gun charachadh?)

Sunday 5 December 2010

Issa

neul-uisge
‘s e cleith na beinne –
fuachd anns an oidhche
Buson

feur a' seargadh,
teachdaire-sionnaich
a' gabhail seachad gu luath

Saturday 4 December 2010

Basho

na laighe nas àirde
na ‘n uiseag anns an àile,
bealach-beinne

Friday 3 December 2010

Issa

a’ gul na aonar,
an t-eun gun mhàthair –
duibhre foghair

Thursday 2 December 2010

Buson

aig dol-fodha-na-grèine,
losgadh air a' choileach-choille
làimh ri fuaran an t-slèibhe

Wednesday 1 December 2010

Basho

am baile far an deach mo bhreith –
mar a shileas mi mu mo chaolan imleagach
a’ bhliadhn’ a’ tighinn gu crìch