Thursday 30 September 2010

air a’ bhus, a’ sealltainn
air a’ Mhuir Mharbh na h-aon raon
Là Buidhe Bealltainn

Wednesday 29 September 2010

Santoka

ma reiceas mi m' aodach
airson sakè a cheannach –
fhathast aonaranach?
sanas air an t-slighe
You Are Here
nach b’ fheàrr leam gun robh mi aig baile

Tuesday 28 September 2010

Issa

abair fionnar –
a-rithist on taobh an iar,
fras anns an fheasgar

Sunday 26 September 2010

san taigh-òsta nam lèine nam fhallas,
a’ coimhead air Dallas,
a’ cluich òrain le Maria Callas
on Ben Lui and Ben Macdui,
i think of T’ao Chi’en and Du Fru, i
think of Lu Yu and shan-shui

Saturday 25 September 2010

Buson

thar nan soithichean
fuaim ceum nan rodan -
am fuachd a th' ann!

Friday 24 September 2010

clisgeadh – air oir an fhàsaich,
gun charachadh,
muileann-gaoithe na seasamh

Thursday 23 September 2010

listening to Bach and even
Warren Zevon,
I still think of Kinlochleven

Wednesday 22 September 2010

Basho

fhathast air mhaireann,
air an t-slighe 'n aon tùdan,
seilcheagan-cuain

Tuesday 21 September 2010

eun-bruidhinn
air an spiris air meanglan
air craoibh nach maireann

Monday 20 September 2010

now there was a man apart –
the late Farquhar Urquhart
from Lochluichart!

Sunday 19 September 2010

Santoka

a’ ghealach ag èirigh,
chan eil mi a' feitheamh
ri càil sam bith
bonnan-ceò san fhionnairidh,
uidh air n-uidh
an saoghal a’ dol às an t-sealladh
panic attack –
old anorak
down in the bladder-wrack

Thursday 16 September 2010

Air tòrradh. Chan fhada gus am bi 'n tè a bh' ann fon talamh.
Seall! Na h-uinneagan dathte. Na h-aodannan 's na suidheachain a tha falamh.

Wednesday 15 September 2010

deireadh na Sultaine,
bu chòir dhomh sgairt a chur oirre -
Na Duilleagan Buidhe

Tuesday 14 September 2010

curach ga togail aig bodaich
is ga giùlan sìos an tràigh -
sagart agus tiodhlacadh

Monday 13 September 2010

abair gu bheil iad a’ cur ris –
na Fir Chlis
mu Shlighe Chlann Uis
air falbh ann an dùthaich chèin
ris an t-sangria ris a’ ghrèin
ga mo dhalladh fhèin

Sunday 12 September 2010

sgaireagan ‘s farspagan air bhàrr na fairge
feasgar far Chape Verde -
coladera! saudade!

Saturday 11 September 2010

na gillean-cràigein
a’ sìolachadh, a’ dol donn
a-nis agus an t-uisg’ ann

Thursday 9 September 2010

abair cuideachd – ri fàrsan
anns a’ bheinn
ri còmhradh beag rium fhìn
chan fhaic mi 'n dara cuid dhen bheinn
leis na th’ ann de chaochain
a’ nochdadh gun fhiosta na broinn

Tuesday 7 September 2010

a’ tilleadh anns an reothadh,
a’ tuiteam turach-air-tharach
is a’ gabhail balgair! air a’ ghealaich

Monday 6 September 2010

nam shuidh’ air drochaid nam thàmh
sa ghrèin gun chionag ruadh –
am mair an toileachas seo gu sìorraidh?
Santoka

seo an t-earrach
bòidheach taobh
ris a' chladh

Sunday 5 September 2010

Kamakura

siubhadaibh, eunlaith!
togaibh an imrich
mus fhàs an solas guineach

Saturday 4 September 2010

Issa

cia mheud neach
a’ feitheamh ris an fhionnairidh?
wisteria fo bhlàth

Thursday 2 September 2010

Buson

abair gealach -
tha 'm meirleach
a' stad gus òran a ràdh
Basho

air bealach na beinne,
air dòigh air choreigin a' draghadh air mo chridhe:
bròg-na-cuthaige

Wednesday 1 September 2010

Santoka

gu deireadh ùine,
air mo shlighe
ri gearradh ìnean coise