Monday 30 August 2010

Kamakura

an t-achadh
far nach fhaod mi itealaich,
am feur ann cho milis ri cagnadh
Issa

le bodach agus cailleach,
e a’ fuireach a-staigh –
là nam blàth

Sunday 29 August 2010

Buson

feur a' seargadh,
teachdaire-sionnaich
a' gabhail seachad gu luath

Saturday 28 August 2010

Basho

air meanglan 's gun duilleach air,
feannag air an spàrr -
feasgar as t-fhoghar

Thursday 26 August 2010

Santoka

nuair a thèid mi dhachaigh,
luibhearnach,
uisge ri sileadh

Wednesday 25 August 2010

Kamakura

a’ bhreug air a bheil fear is bean:
mi a’ losgadh an arain
air cho fann

Tuesday 24 August 2010

Issa

na geòidh a bha mun àirigh
ri siubhal gu tuath –
là sona san earrach

Monday 23 August 2010

Buson

aig dol-fodha-na-grèine,
ri losgadh air a' choileach-choille
faisg air fuaran an t-slèibhe

Sunday 22 August 2010

Basho

cho dòrainneach!
fo chlogaid an fhir-chogaidh,
pìobaire-teallaich a’ bìogadaich
Santoka

tha mo chridhe fo èislean –
tha na h-aonaichean ‘s an cuan
tuilleadh is àlainn

Saturday 21 August 2010

Ryokan

an d’rinn thu dearmad air an t-slighe dha mo bhothan?
gach oidhche mi a’ feitheamh ri do chasan
is chan eil thu tighinn

Thursday 19 August 2010

Kamakura

agus iad gun a bhith abaich,
boinneagan-uisge ri cromadh
air an talamh

Wednesday 18 August 2010

Issa

eadar mhìth ‘s mhath
air tuiteam leis an daoraich –
sgàil nam blàth

Tuesday 17 August 2010

Buson

a' bualadh leis an tuagh,
chaidh clisgeadh a chur orm leis an fhàileadh
sa gharran sa gheamhradh!
Basho

os cionn an aonaich
gun cheangal ri nì sam bith,
uiseag a’ ceileireadh

Monday 16 August 2010

Soseki

a-steach ann am buaile
nan sìthean buidhe,
dol-fodha-na-grèine-deirge!

Sunday 15 August 2010

Santoka

a’ briseadh
nan geugan marbh
gun a bhith smaoineachadh air sgath

Saturday 14 August 2010

Ryokan

ri puirt-à-beul ‘s ri ball-coise
còmhla sa bhuaile –
dithis neach is an aon chridhe

Friday 13 August 2010

Kamakura

a' crochadh mo phèitein air meanglan
is a’ gairm an uair sin
air neòil sa Ghearran

Thursday 12 August 2010

Issa

bùirich –
a-mach às a’ cheathach,
crodh ‘g èirigh

Wednesday 11 August 2010

Buson

dìtheanan aig meadhan-latha;
fad tiota
gàir na mara

Tuesday 10 August 2010

Basho

cà robh fras a' gheamhraidh?
le sgàil-uisge na làimh,
manach a' tilleadh

Monday 9 August 2010

Soseki

seadh, is mithich a bhith a' dèanamh
air na plaidichean, ach –
gealach ud an t-samhraidh

Sunday 8 August 2010

Santoka

èirigh na grèine
‘s a’ ghrian ri laighe
gun chàil ri ithe

Friday 6 August 2010

Ryokan

mo chridhe ri plosgartaich
is chan urrainn dhomh cadal a dhèanamh –
‘s e a-màireach a’ chiad là den earrach!

Thursday 5 August 2010

Kamakura

neach a’ coiseachd air mo bheulaibh
a’ tionndadh a-mach à sealladh –
dreach-geamhraidh
Issa

soinneanta ‘s ciùin,
gille-cràigein
a’ sealltainn air a’ bheinn

Wednesday 4 August 2010

an t-Sràid Àrd ann an Dùn Èideann
a' chiad char sa mhadainn,
cianalas is faoileagan
Buson

uisg’ air còinneach
is na làithean a' tilleadh
a bha cho geal san àm a dh’fhalbh

Monday 2 August 2010

Basho

san oidhche, gu sàmhach -
durrag ann an soillse na gealaich
a' cladhach ann an cnò-gheanmnaidh

Sunday 1 August 2010

Soseki

gealach làn an fhoghair -
tha mi fhìn math gu leòr
cuideachd, thoir fa-near