Tuesday 31 May 2011

Buson

fras as t-earrach,
dìreach gu leòr gus maorach
a' chladaich a fhliuchadh

Monday 30 May 2011

Basho

chomh gleoite!
duilliúr óg uaine
faoi sholas na gréine

Sunday 29 May 2011

Issa

dom anam fhèin cho math,
bidh cuideachadh a’ nochdadh –
earrach fo bhlàth


seasamh a leigeil do mhùin
ann an clachan-meallain -
euchd fhèin!
goirt a’ gheamhraidh,
feannag chrìonna ri glamadh
cac-nan-caorach

Saturday 28 May 2011

an treud a’ falbh gu closach,
a’ toirt sùil oirre ‘s ga slìobadh
is an uair sin a’ tionndadh nan cnàmh
Fiùrain
(Eamonn Grennan)

Cruinneachadh fhiùran an taca ri beul na h-eaglaise
‘S iad a’ dearbhadh sgeòil a chèile
‘S mar a bha rin cuimhne:

Sin agad e! Dìreach!
A’ stad a mheòrachadh air an fhear mu dheireadh
Is an uair sin a’ dearbhadh is a’ dearbhadh is a’ dearbhadh.

Friday 27 May 2011

Na Fir Chlis
(Vona Grourke)


Am bodach na sheasamh air beul an taighe
‘S a’ sealltainn ris na Fir Chlis
Ri marbh na h-oidhche.

“Trobhadaibh, a chlann,
Gus am faic sibh an t-annas!”
An rud a tha mi fhìn a’ faicinn

Ach am breacadh-seunain
A’ tighinn am follais
Os mo chionn air cùl a làimhe.

Wednesday 25 May 2011

Virgo
(Simon Armitage)


A' tilleadh à Leeds tràth sa mhadainn,
Seachad air an taigh san robh sinn,
Chan urrainn dhomh coimhead.
T' aodann ann an seòmar gu h-àrd,
Mar chailleach-oidhche no mar chrùisgean
An crochadh ri dubhan.

Bidh mi a' gabhail beachd air Venus, reul na maidne,
Reul an dà chamhanaich, gu deimhinne,
'S i a' dealbhadh nan ràithean 's an cuid mhùthaidhean.
An uair sin sneachd' air adhbhar no adhbhar,
Sneachda bhon àird an ear,
An sneachd' a bhios a' leantainn.

Dylan

AIG AOIS A' GHEALLAIDH


An Carbad

Bidh mi siubhal o mhoch gu dubh leam fhìn an carbad
‘S air mo chois an cois an dorais fad na h-oidhch’ air fad.
Ma shiùbhlas mi air mullach an t-slèibh’ ud thall, mo sgrios!
Is mura tèid agam air, thèid aig mo ghaol, tha fios.

Nach grinn a' ghealach, a' deàrrsadh air bhàrr nan crann
'S nach gasta 'm fear-stiùiridh againn ‘s e a’ siubhal na dheann
'S a' ghrian a' dol sìos cho ciùin is cho rèidh
Ris an tè a th’ ann ‘s i ri ruith ‘s ri ruith nam dhèidh.

Tha 'n geamhradh is an reothadh air nochdadh mun taigh a-nis
Chaidh mi a chur an cèill do chàch na bha mi 'm beachd cur ris.
Tha mi ‘g iarraidh bhith ri leanannachd leat fhèin seach ri feall.
Na can rium nach tug mi rabhadh dhut ma thèid an carbad air chall.


Shuas mun Chnoc-fhaire

Tha fios gum faod sinn teicheadh às, a mherlich, thuirt am bàrd.
Tha fada cus de bhreislich ann, tha ‘n t-uisg’ ag èirigh àrd.
'S ann a rinn luchd-togail is luchd-àiteachaidh mo shlad.
Mu luach an rud aig duine dhiubh chan eil smùid no srad.

Socair ort! - a thuirt am meirleach - Fan ort, a dhuine, tà.
Tha feadhainn ann a chanas nach eil ann ach fealla-dhà.
Ach bha sinn thall is chunnaic sinn is chan e sin ar dàn.
Stadamaid an t-amaideas, chan fhada gu là bàn.

Shuas mun chnoc-fhaire, ‘s ann a chùm na flathan sùil.
Dh’fhalbh mnathan rùisgte len cuid thràillean fad an t-siubhail.
Air a’ bhlàr-a-muigh air fàire, rinn cat-fiadhaich gàir
‘S a’ ghaoth ri donnal 's dithis len eich a' siubhal mu cheann a' bhlàir.


Tè à Dùthaich MhicAoidh

Soraidh bhuam gu Dùthaich MhicAoidh
‘S an t-uisg’ a’ tuiteam gu dubh na thaom,
San tàmh an tè nach till rium a-chaoidh.
B’ i mo ghràdh anns na làithean a dh’aom.

Thoir do dhà shùil air cùl bàn a cinn
Ri sìneadh sìos mun an dà chìch
Is aom do chluas ris a’ ghuth bhinn
‘S nach truagh e bhith tighinn gu crìch.

Ma dh'fhalbhas tu 's an cathadh air lom
‘S an sruth fo dheigh ‘s gun lì san fheur,
Feuch a bheil i an èideadh blàth trom
A ghleidheas i fhèin bhon t-sèideadh gheur.

An cuimhne leatha mi fhìn ann, saoil?
Nach minig a rinn mi guidhe, ge-tà,
Ri dubh na h-oidhche leam fhìn, a ghaoil
Is ris an t-solas bhuidhe san là.

Soraidh bhuam gu Dùthaich MhicAoidh
‘S an t-uisg’ a’ tuiteam gu dubh na thaom,
San tàmh an tè nach till rium a-chaoidh.
B’ i mo ghràdh anns na làithean a dh’aom.


Cnogadh anns an Speur

Cuir à dreuchd mi fhìn a-nis,
Mi gun rath, mo thruaighe gheur,
Dh’fhalbh a’ ghrian ud a bha ris,
Mi a’ cnogadh leam anns an speur.

Cnog, cnog, cnogadh leam anns an speur x 4

Caith sìos m’ èideadh air an làr,
Cha chuir mi feum air gu Là nan Deur,
Sgòth ri bagairt air a’ bhlàr,
Mi a’ cnogadh leam anns an speur.

Cnog, cnog, cnogadh etc. x 4


Riamh nad Leum

Gun glèidh Nì Math thu daonnan, gun toir thu mach do chàil,
Mar a nì iad dhut, nach dèan thu fhèin dhaibh fhèin a-rithist gun dàil,
Gun tog thu àra dhan an speur ‘s gun gabh thu a h-uile ceum
‘S gun robh thu riamh nad leum,
Riamh nad leum, riamh nad leum,
Gun robh thu riamh nad leum.

Gum fàs thu suas gu bhith ceart is fìreanta ga rèir,
Gun cuir thu eòlas air an fhìrinn a tha lèir,
Gun robh thu riamh calma nuair as còir gun toir thu beum
‘S gun robh thu riamh nad leum,
Riamh nad leum, riamh nad leum,
Gun robh thu riamh nad leum.

Gun robh do làmhan dripeil is gun robh do chasan clis
Is làidir nuair a thèid à fradharc a’ ghrian a bha ris,
Gun gabh thu duan ‘s port-à-beul gu sunndach (is gu feum)
Is gun robh thu riamh nad leum,
Riamh nad leum, riamh nad leum,
Gun robh thu riamh nad leum.


Bi ann air a’ Mhadainn

Bidh ann air a’ mhadainn aig an taigh ann an Steòrnabhagh,
Bidh ann air a’ mhadainn aig an taigh ann an Steòrnabhagh,
Bidh sinn air an Tairbeart an uair an uaireadair gun dragh.

Tha ‘n uair as duibhe, canar, dìreach ron an là,
Tha ‘n uair as duibhe, canar, dìreach ron an là,
Gun a bhith cho dubh rium fhìn o dh’fhalbh thu, ge-tà.

Coileach air an spiris, dè tha cur air, saoil?
Coileach air an spiris, dè tha cur air, saoil?
Tha mise mar an coileach ud ‘s tu cho cruaidh sin, a ghaoil.

Tha na h-eòin a’ siubhal gu h-ìseal, chan eil mi fhìn ach nochd,
Tha na h-eòin a’ siubhal gu h-ìseal, chan eil mi fhìn ach nochd,
Tha an doras ud fo ghlas is tha m’ aigne fhèin fo sprochd.

Bidh mi ri bocadh air feadh nan coilltean fad na tìde mar na fèidh,
Bidh mi ri bocadh air feadh nan coilltean fad na tìde mar na fèidh,
Rinn mi ‘n gnothach air na madaidhean, tha mi airidh air do dhèidh.

Seall air a’ ghrèin ud a’ dol a’ sealladh uam na neul,
Seall air a’ ghrèin ud a’ dol à sealladh uam na neul,
Mar a bhios mo chridhe ‘s tu gam phògadh air mo bheul.


Ma Thachras tu Oirre Fhèin

Ma thachras tu oirre fhèin, thoir mo bheannachd dhi.
Tha i an Inbhir Nis a-nis fhad ‘s as fhiosrach mi.
Can gu bheil mi dòigheil ach air uairean rud beag mall.
Na can nach d’rinn mi dearmad oirre fhèin mu dheireadh thall.

Thug sinn an gnothach gu crìch mar a bheir luchd-gaoil sam bith
‘S nuair a ghabhas mi beachd air an oidhche sin, bidh mi dol air chrith
‘S ged a tholl an sgaradh mi a-steach gu smior nan cnàimh,
‘S ann a tha i fhathast nam bhroinn, tha sinn fhathast an dàimh.

Ma bhios tu riamh na car no faisg, thoir dhi bhuam pòg.
Thug mi urram dhi a riamh o thug i dhomh a’ bhròg.
Cha chuir mi riamh na h-aghaidh no càil fhad ‘s a tha i glan,
Ach nach searbh nuair a dh’èigh mi mach na clàr: Na falbh! Fan!

Chì mi mòran dhaoine ‘s mi gabhail cuairt is a’ cur ris
Is dh’fhairich mi a h-ainm an Dùn Deagh ‘s an Inbhir Nis
‘S cha bhi mi, ged a dh’fheuchainn, cleachdte ris gu bràth –
Tha fios gu bheil mi ‘n dàrna cuid tiamhaidh no tlàth.

Grian shìos, gealach ùr, nam chuimhne fhathast air fad
Is ged a chaidh, cha chuir mi iad a chaoidh fo dhearmad.
Nach can thu rithe, ma bhios i riamh sa cheàrnaidh seo, a Thì,
Gum faod i tighinn gam fhaicinn uair sam bith gun strì.


Sileadh

Sileadh gun euradh, sileadh nan deur,
Cur thairis le sileadh, mo thruaighe gheur,
Sileadh on ghealaich na mo chròg.
Bheir mi dhut gaol gu sìorraidh, mo rùn geal òg.

Bha mise bog agus cruaidh mar chrann.
Feadhainn a bha gasta, chan eil iad ann,
A' tighinn 's an uair sin a' dol mar an ceò.
Ma tha thu gam iarraidh, bidh mi ann ri do bheò.

‘S toigh leam do ghàire ‘s ceann do mheòir,
‘S toigh leam do bhilean, a Thighearna, fòir!
‘S toigh leam an dòigh san toir thu gràdh.
Tha gach rud a th’ ann mud thimcheall gam chur nam chràdh.

Feadhainn a tha beag, feadhainn a tha mòr,
Chan fhaigh mi a-chaoidh mo shàth no mo leòr.
‘S toigh leam thu fhèin ‘s do shùgradh mall.
Bidh thu fhèin agam cho luath ‘s a bhios mi thall.

Chan eil sa bheatha seo ach briseadh-dùil.
Dèan mar a nì ‘s mar a chì do shùil,
Dèan mar a nì ‘s mar a chì, a ghaoil,
Mar a nì mi dhut fhèin, a ghràidh, nach fhaic thu, saoil?


Blind Willie McTell

‘S e ‘n sanas air na dorsan: Thèid an tìr seo leigeil ris
Fad na slighe bho na Crìochan gu Rubha Robhainis.
Dh’fhalbh mi a’ Ghàidhealtachd mun do thuit na fir mu seach
Is cha d’rinn duine dàn a riamh mar an Dòmhnallach.

Dh’fhairich mi an ceilear nuair a dh’fhalbh càch nan tàmh
‘S gun san èisteachd ach mi fhìn is eala-bhàn air snàmh.
Bidh na caileagan ri guileagan mar ealachan air loch
Is cha d’rinn duine dàn a riamh mar an Dòmhnallach.

Feuch an dùthaich ud na teine ‘s na h-uachdarain san tòir
Air an dream nach deach fhuadach thar a' Chuain Mhòir.
Cluinnidh mi an caoineadh ac’ o mhoch gu dubh, mo chreach
Is cha d’rinn duine dàn a riamh mar an Dòmhnallach.

Tha nighneag shìos mun t-sruth ‘s mo laochan ri cois,
Gleusta suas an aodach gorm air chumadh Uilleim Rois.
Tha prasgan air a’ bhealach thall ri slaodadh is ri ràn
‘S cha d’rinn duine duan a riamh mar Dhall Dubh nan Dàn.

Tha Nì Math anns an fhlathas is na bhuineas Dha gar dìth
Bho thàinig sìol truaillidh far am b’ àbhaist sìth.
‘S mi ri coimhead a-mach air uinneag san St. James Hotel,
Air taobh na sràide siud e fhèin ri Blind Willie McTell.

Tuesday 24 May 2011

An Taobh-a-staigh
(Jackie Kay)


Anns an t-seòmar far a bheil
A' ghrian gu h-ìseal
Agus an solas
Fann, làn de mhulad,
Soirbh a leòn,
A' lasadh aon ubhail air a' bhòrd

Far a bheil an cridhe sgeadaichte
Fo chlò trom
Is an tè òg anns a' chaillich a th' annam
A' feitheamh ris an uair aice,
‘S ann a tha 'm bròn

Sunday 22 May 2011

Dachaigh
(Maura Dooley)


An t-àm a chaidh seachad
Mar a tha 's an oidhche

Mar a' bhìth, mar fhàd
Mar a tha 's an fhuil

An dèidh dhan a’ chridhe
Tighinn gu stad is gu buil.
Laogh an Dà Cheann
(Laura Gilpin)


A-màireach, nuair a thig na sgalagan
Air an annas a tha ‘n seo, pasgaidh
Iad a chorp am breacadh de The Sun
‘S bheir iad leoth’ e dhan taigh-tasgaidh.

Ach, a-nochd, tha e beò ‘s anns an achadh a tuath
Còmhla ri mhàthair. ‘S e feasgar
Foirfe samhraidh a th’ ann: a’ ghealach ag èirigh
Os cionn an abhaill, a’ ghaoth san fheur.

Agus, mar a bheir e spleuchdadh air an iarmailt,
Tha dà uimhir a rionnagan ann seach an àbhaist.

Saturday 21 May 2011

An Dèidh Prague
(Marina Tevetayeva)


Dh'fhalbh e. Thuirt thu fhèin
Nach robh thu 'g iarraidh mairsinn.

Ach bha bailtean eile,
Sia bliadhna deug

Mus ràinig thu ceann-uidhe
Nad aonar ann an Yelabuga.

'S e th' ann an dòchas iall fhada
Ga slaodadh a-steach beag air bheag.

Friday 20 May 2011

Faclan
(Tomaz Salamun)


Bidh thu glacadh an uisge le deilg
Is bidh ‘n t-uisg’ a’ dol na shneachda bog.
Bidh thu a’ tomhadh ris a’ chraoibh le do làimh
Is bidh a’ chraobh a’ losgadh.
Bidh thu a’ tearbadh shreathan le faileas.
Bidh thu a’ fosgladh an dorais don ghaol is don bhàs.

Wednesday 18 May 2011

Leòman
(Jaan Kaplinski)


Agus mi air Dwelly fhosgladh,
Air duilleig shònraichte,
Thachair mi air leòman,

Beò air èiginn
Eadar i ‘s an tè mu coinneimh.
Sgap e na h-itean

Agus thug e air falbh
Agus chaill mi sealladh dheth.
An dèidh sin uile

‘S dòcha gu bheil e fhathast maireann
Am badeigin mun lòsan
Air neo air a’ bhlàr-a-muigh

No ‘s dòcha marbh mar chuileag-Chèitein.
Air neo an robh e siubhal
Facail, saoil, no briathair

No an e bh’ ann facal
Dìreach ann an riochd ùr,
Facal fhèin, air a chaochladh?
Siubhal Seachad air a’ Chladh
(BIlly Collins)


Agus cabhag orm sa mhadainn,
Bidh mi sèideadh air a’ chonchaig nam luaths
A’ siubhal seachad air a’ chladh
Anns a bheil m’ athair is mo mhàthair
Air an tòrradh taobh ri taobh
Fo leac rèidh de dh’eibhir.

An uair sin, fad an latha,
Bidh mi smaoineachadh air a’ bhodach ag èirigh
‘S a’ coimhead orm san dòigh sin
‘S e gam chronachadh
Is a’ chailleach ag innse dha
Gu ciùin laighe sìos air ais.

Monday 16 May 2011

Prioba-nan-sùl
(Michael Hartnett)


Chì mi reult-na-maidine
Tro fhàrlas m’ òige
‘S bidh mi a’ dùnadh mo shùl
‘S a’ bruadar fad caogad bliadhna
‘S a’ toirt air ais a h-uile h-àrd is ìseal.
Bidh mi a’ fosgladh mo shùl agus an sin
Tha reult-na-h-oidhche ‘s gun fhiosta
Tha camhanaich an fheasgair ann.
Bloigh Deireannach
(Raymond Carver)


Agus an d’fhuair thu na bha thu ‘g iarraidh
Bhon t-saoghal an dèidh a h-uile sìon?
Fhuair gu dearbh.

‘S dè bha thu ‘g iarraidh?
Cantail rium fhìn gun robh mi ionmhain,
Faireachdainn gun robh mi ionmhain air an talamh.

Sunday 15 May 2011

Ann an Coille Chagar
(Charles Simic)


Tha cearc a tha dall thall an sin
A' spioladh air gràinean òir
Sruth cho fuar
'S gu bheil an t-eagal air sruthadh

Ciomach fon choill' a' bruidhinn air an taigh
Ri craoibh chrìon
Is an ròcas as docha leis a' bhàs
Na shuidhe innte

Ann an coille chagar
Far an do thog seangan aonair
Air a dhruim suas
Connlachag loisgte.

Saturday 14 May 2011

Na Naidheachdan
(Ian Hamilton)


Tha ‘m blàr ann am Bosnia fhathast a’ dol.
Bhon a’ chùil
Bidh ‘n conaltradh againn a’ tionndadh
Ach am faod sinn a ghabhail a-steach.

Bidh ar cinn ‘s iad nan deatach
A’ falbh le gaoith air ais gar n-ionnsaigh
Bho na teintean glasa
Thall ann an Sebrenika.

Friday 13 May 2011

Air a' Bhlàr-a-Muigh
(Alexsandar Ristovic)


A' dol tarsainn air achadh,
Tha feareigin is, aig an àm sin,
Smuaintean mu thighinn ris fhèin
A' cur air inntinn,
Thig air dàil a chur sa ghnothach
Agus a chuid a dhèanamh;
Thuit a-mach gun do ghabh e tlachd
'S e na ghurraban à bileagan-feòir
Mar gun robh e air am faicinn
Den a' chiad uair
Bho astar cho dlùth;
Agus a mhàs a' fàs dearg,
Nì e strì ri bileag
A tharraing a-mach às a phòcaid
Agus, air a sgrìobhadh oirre cheana fhèin,
Na briathran Soraidh. Slàn.

Wednesday 11 May 2011

Meadhan a’ Gheamhraidh
(Tomas Tranströmer)


Tha solas liath
Ri sruthadh a-mach às mo thrusgan.
Meadhan a’ gheamhraidh.
Tiompan den deigh ri seirm.
Tha mi dùnadh nan sùl agam.
Tha saoghal balbh ann,
Tha sgàineadh
Far am bi na mairbh
Air an toirt air falbh
Gun fhios thairis air a’ chrìch.

Tuesday 10 May 2011

A' Chruach-deighe
(Werner Aspenstrom)


Am bad air choreigin
Eadar na craobhan-beithe
Ann an cruach bhuidhe na deighe,
Tha 'n geamhradh air a ghlasadh na laighe.

Ma shiùbhlas tu seachad air,
Bidh do ghruaidh a' dol geal.
Aon turas chunnaic mi dealan-dè pronnastain
Ga dheocadh don toll gus an do dh'eug e.

Thachair seo san Iuchar
Nuair a bhios na lochan fo aiteal.

Monday 9 May 2011

Mìorbhaileach!
(Alastair Reid)


Cha chreideadh tu e!
B’ shin sinn – blàths is ciùineas,
Aimsir mìorbhaileach sèimh
Seach an àbhaist,
Grian an àigh aig amannan fiù ‘s
Trì seachdainean an ceann a chèile
Sa Ghearran
Agus dè chanas am bodach mu dheidhinn?
Och, bidh ceannach
Againn air seo fhathast!
A’ Fàgail gu Sìorraidh
(Denise Levertov)

Tha e fhèin ag ràdh
Gu bheil na sùmainnean
Ann an uisge-stiùireach an t-soithich
Mar chlachan a’ turracail air falbh.

Chan ann mar sin a bhios mi fhìn ga fhaicinn.
Chì mi a’ bheinn a’ tionndadh,
A’ tionndadh a h-aodainn air falbh ‘s an soitheach
Gar toirt fhèin air falbh.


Tighinn Dhachaigh
(Wislowa Szymborska)

Bha e air ais. Cha tuirt e dùrd.
Ach bu lèir gun robh rudeigin air dragh a chur air.
Chuir e dheise sìos.
Chuir e cheann fon phlaide
'S an uair sin dè rinn e
Ach a ghlùinean a tharraing suas.
Tha e mu dhà-fhichead ach chan eil an-dràsda fhèin.
Tha e beò - ach dìreach uimhir 's a bha 'm broinn a mhàthar,
Air chùl seachd a chraicinn, ann an dorchadas dìonach.
A-màireach tha e a' toirt seachad òraid
Air homeostatis ann an siubhal-fànais metagalacticeach
Ach a-nis tha e cuachda suas na chadal-suain.

Saturday 7 May 2011

Làmh-chuideachaidh
(Miroslav Holub)


Thug sinn làmh-chuideachaidh don fheur
Is dh'fhàs e mar arbhar.

Thug sinn làmh-chuideachaidh don teine
'S dh'fhàs e na Apollo a h-Aon.

Le faiceall 's le faire
'S ann a thug sinn làmh-chuideachaidh 'n uair sin

Do dhaoine,
Seadh, do chuid a dhaoine.

Thursday 5 May 2011

Falbh
(Philip Larkin)


Tha feasgar a' tighinn a-steach
Thar nan raointean,
Nach fhaca duine riamh,
Nach las lòchrain.

Bho astar, chanadh neach
Gur h-e sìod' a bh' ann
Ach nuair a thèid a tharraing suas thar nan glùn
'S thar a' bhroillich,
Chan eil furtachd na chois.

Càit' an do dh'fhalbh a' chraobh
A rinn glas eadar an speur is an talamh?
Dè tha fo mo làmhan
Nach eil mi a' faireachdainn?
Tachairt
(Czeslaw Milosz)


Bha sinn a’ marcachd ann an raointean reòtht’ ann an carbad
Ri beul an latha.
Dh’èirich sgiath dearg anns an dorchadas. Gu h-obann
Ruith geàrr tarsainn an rathaid.
Thomh fear againn ris le làimh.

Bha sin o chionn fhada.
San là-‘n-diugh, chan eil aon seach aon dhiubh maireann.
Chan eil an geàrr no ‘m fear a shìn a làmh.

Och, a ghaoil, càite bheil iad?
Càite bheil iad a’ falbh,
Aiteal na làimhe, stiall a’ ghluasaid,
Siosarnach nan dòirneagan?
Chan ann ri bròn
A tha mi feòrach ach ri iongnadh.

Wednesday 4 May 2011

Am Manadh
(Theodore Roethke)


A' siubhal an raoin seo bidh mi a' meòrachadh
Air làithean samhraidh eile.
O cha b' ann an-dè a bha siud!
Lean mi orm teann ri casan m' athar,
Ceum air cheum ris gus an tug sinn a-mach abhainn.
Chuir e a làmh sìos anns an uisge chaol.
Shiubhail an t-uisge thairis air a' ghaoiseid air cnàimh
Caol na làimhe 's fodha cuideachd.
Lean an samhla na dhèidh gun sgur,
Air laomadh leis a' ghrèin anns a' chaitean.
Ach nuair a sheas e, chaidh an t-aodann sin a chall
Ann an driaman de dh'uisge.

Monday 2 May 2011

an raineach ag èirigh mu dheireadh an earraich
taobh ris an Linne Shlèitich –
tuil-ruadh


Am Bàs
(Vladimir Holan)


Dhìobair thu a-mach asad e
Bho chionn mòran bhliadhnaichean.
Dhùin thu 'n t-àite,
Dh'fheuch thu ri chur fo dhearmad.
Bha fios agad nach robh e ann an ceòl
'S mar sin rinn thu seinn.
Bha fios agad nach robh e ann an sàmhchair
Is mar sin bha thu sàmhach.
Bha fios agad nach robh e ann an aonaranachd
Is mar sin bha thu nad aonar.
Ach dè dh’èirich an-diugh a chuir eagal
Cho mòr sin ort mar fhear
A chì san oidhche gu h-obann
Aiteal fo dhoras an ath sheòmair
Far nach robh duine sam bith
A' fuireach fad nam bliadhnaichean?
a’ tilleadh ris a’ Bhealltainn
air Abhainn Àrois, mì dìreach a’ sealltainn
air a’ ghiuthas is a’ bheithe ‘s a’ challtainn


Bruadar
(George Seferis)


Tha mi nam chadal-suain
Agus mo chridhe
Na dhùisg a’ fuireach.
Tha e 'g amharc air na rionnagan,
Air an speur is air an stiùir
Is mar a tha 'n t-uisge
‘S e fo bhlàth
Air an fhalmadair.

Sunday 1 May 2011

Faclan Ifrinn (William Blake)

1 An àm na curachd ionnsaich, an àm an fhoghair teagaisg, an àm a’ gheamhraidh gabh tlachd.
2 Iomain do chàrn ‘s do chrann thairis air cnàmhan nam marbh.
3 Tha 'n rathad air a bheilear a' dol thar na còrach a' sìneadh gu lùchairt a' ghliocais.
4 ‘S e th’ ann an crìonnachd ach cailleach bheairteach ghrànda air a bheil dìth comais a’ suirghe.
5 Am fear a mhiannaicheas is nach gnìomhaich, bidh e tàrmachadh plàighe.
6 Bidh a’ chnuimh air a gearradh a’ toirt mathanais don chrann.
7 Tum am fear san abhainn aig a bheil gaol air uisge.
8 Am fear nach toir an t-aodann aige solas, cha bhi e na reul a-chaoidh.
9 Chan fhaic amadan an t-aon chrann a chì duine glic.
10 Tha an t-sìorraidheachd ann an gaol le saothrachadh an ama.
11 Chan eil ùine aig an t-seillean dhripeil a bhith ri bròn.
12 Tha uairean an amaideis air an tomhas leis an uaireadair ach chan urrainn do dh’uaireadair sam bith an gliocas a thomhas.
13 Glacar gach uile biadh fallain gun lìon no gun ribe.
14 Thoir a-steach àireamh, cuideam is tomhas ann am bliadhna gainne.
15 Cha bhi eun sam bith ag èirigh tuilleadh is àrd mas ann air na h-itean aige fhèin a bhios e ‘g èirigh.
16 Cha bhi marbhan a’ dìol na tha e air a leòn.
17 ‘S e ‘n gnìomh as uaisle th’ ann neach eile a chur air thoiseach ort fhèin.
18 Nan cumadh an t-amadan air na chuid amaideis, dh’fhàsadh e glic.
19 ‘S e ‘n t-amaideas fallaing na slaightearachd.
20 ‘S e nàire fallaing an uabhair.
21 Togar prìosain le clachan an lagha agus taighean-strìopachais le clachan-crèadh’ a’ chreideimh.
22 ‘S e uabhar a' gheasadaich glòir Dhè.
23 ‘S e drùis a’ ghobhair fialaidheachd Dhè.
24 ‘S e luime boireannaich obair Dhè.
25 Bidh cus bròin ri gàire. Bidh cus gàirdeachais ri gul.
26 Tha beucaich nan leòmhann, donnalaich nam madaidhean-allaidh, gàir a’ chuain agus an claidheamh a sgriosas nan cuibhreannan den t-sìorraidheachd a tha tuilleadh is mòr do shùil mhic an duine.
27 Bidh an sionnach a’ dìteadh na ribe seach e fhèin.
28 Bidh aoibhneas a’ dèanamh torrach. Bidh am bròn a’ breith.
29 Is e corraich an leòmhainn eagna Dhè.
30 Caitheadh an duine fionnadh an leòmhainn, caitheadh am boireannach rùsg na caoraich.
31 Don eun an nead, don damhan-allaidh an lìon, do mhac an duine càirdeas.
32 Thèid an t-amadan a’ gàire ris fhèin 's an t-amadan gruamach a mheas glic gus am bi iad nan slat.
33 An rud a th’ air a dhearbhadh a-nis, bha uair nach robh ann ach mac-meanmna.
34 An rodan, an luchag, an sionnach, an coineanach, seallaidh iad air na freumhan; an leòmhann, an tìgear, an t-each, an t-ailbhean, seallaidh iad air na measan.
35 Bidh an t-amar a’ gleidheadh, bidh am fuaran a’ cur thairis.
36 Lìonaidh aon smuain an àibheiseachd.
37 Bi deiseil daonnan gus t' inntinn a chur an cèill agus seachnaidh duine suarach thu.
38 Tha gach nì a ghabhas creidsinn mar ìomhaigh den fhìrinn.
39 Cha do chaill an iolaire uimhir a thìde ‘s a chaill nuair a ghèill e a dh’ionnsachadh bhon ròcas.
40 Bidh an sionnach ag ullachadh dha fhèin ach bidh Dia ‘g ullachadh airson an leòmhann.
41 Gabh beachd anns a’ mhadainn. Cuir an gnìomh aig meadhan-là. Gabh biadh anns an fheasgar. Dèan cadal anns an oidhche.
42 Tha 'm fear a thug ort cur air eòlach ort.
43 Mar a leanas an crann briathran, bidh Dia a’ toirt luach-saothrach air ùrnaighean.
44 Tha tìgearan na corraich nas glice na eich an oideachaidh.
45 Bi an dùil ri nimh bho uisge balbh.
46 Cha bhi càil a dh’fhios agad a-chaoidh dè tha gu leòr mura bheil fhios agad dè tha barrachd is gu leòr.
47 Èist ri achasan an amadain! 'S e urram a th' ann!
48 Sùilean an teine, cuinnlean na h-àile, beul an uisge, feusag na talmhainn.
49 Tha am fear a tha lag ann am misneachd làidir ann an seòltachd.
50 Cha bhi ‘n t-abhall a’ faighneachd den bheithe ciamar a dh’fhàsas e 's cha bhi 'n leòmhann a’ faighneachd den each ciamar a ghlacas e a chobhartach.
51 Bheir am fear a ghabhas le buidheachas foghar lìonmhor seachad.
52 Mura b’ e ‘s gun robh feadhainn eile air a bhith gòrach, bha sinn fhèin.
53 Cha ghabh anam an aoibhneis truailleadh.
54 Nuair a chì thu iolaire, chì thu cuid den tùr. Tog do cheann!
55 Mar a thaghas a’ bhratag na duilleagan as fheàrr gus na h-uighean aige bhreith orra, bidh an sagart a' cur a mhallachd air an t-subhachas as maisiche.
56 'S e obair nan linntean a th' ann dìthean beag a chruthachadh.
57 Bidh dìteadh a’ teannachadh. Bidh beannachadh a’ socrachadh.
58 'S e 'm fìon as fheàrr am fìon as sine, 's e 'n t-uisge 's fheàrr an t-uisge 's ùire.
59 Cha bhi ùrnaighean a’ treabhadh! Cha bhi molaidhean a’ buain!
60 Cha bhi 'n subhachas ri gàire! Cha bhi 'm bròn ri gul!
61 An ceann an tì as àirde, an cridhe drùidhteachd, na buill-ghineamhainn an àilleachd, na làmhan ‘s na casan cothromachadh.
62 Mar a bhios an àile don eun no a’ mhuir don iasg, tha gràin don fhear a tha gràineil.
63 B’ fheàrr leis an ròcas gun robh a h-uile nì dubh, b’ fheàrr leis a' chaillich-oidhche gun robh a h-uile nì geal.
64 ‘S e th’ ann an cur-thairis ach an àilleachd.
65 Nan robh an leòmhann air comhairle fhaighinn bhon t-sionnach, bha e air a bhith seòlta.
66 Nì leasachadh rathaidean a tha buan ach 's iad na rathaidean lùbte gun leasachadh rathaidean an tùir.
67 B’ fheàrr naoidhean a mhurt na chliabhan na miann gun ghnìomh altram.
68 Far nach eil mac an duine, tha saoghal nan dùl fàs.
69 Cha ghabh an fhìrinn innse a-chaoidh gus an tuigear is nach creidear i.