Sunday 22 May 2011

Laogh an Dà Cheann
(Laura Gilpin)


A-màireach, nuair a thig na sgalagan
Air an annas a tha ‘n seo, pasgaidh
Iad a chorp am breacadh de The Sun
‘S bheir iad leoth’ e dhan taigh-tasgaidh.

Ach, a-nochd, tha e beò ‘s anns an achadh a tuath
Còmhla ri mhàthair. ‘S e feasgar
Foirfe samhraidh a th’ ann: a’ ghealach ag èirigh
Os cionn an abhaill, a’ ghaoth san fheur.

Agus, mar a bheir e spleuchdadh air an iarmailt,
Tha dà uimhir a rionnagan ann seach an àbhaist.

No comments:

Post a Comment