Sunday 1 May 2011

Faclan Ifrinn (William Blake)

1 An àm na curachd ionnsaich, an àm an fhoghair teagaisg, an àm a’ gheamhraidh gabh tlachd.
2 Iomain do chàrn ‘s do chrann thairis air cnàmhan nam marbh.
3 Tha 'n rathad air a bheilear a' dol thar na còrach a' sìneadh gu lùchairt a' ghliocais.
4 ‘S e th’ ann an crìonnachd ach cailleach bheairteach ghrànda air a bheil dìth comais a’ suirghe.
5 Am fear a mhiannaicheas is nach gnìomhaich, bidh e tàrmachadh plàighe.
6 Bidh a’ chnuimh air a gearradh a’ toirt mathanais don chrann.
7 Tum am fear san abhainn aig a bheil gaol air uisge.
8 Am fear nach toir an t-aodann aige solas, cha bhi e na reul a-chaoidh.
9 Chan fhaic amadan an t-aon chrann a chì duine glic.
10 Tha an t-sìorraidheachd ann an gaol le saothrachadh an ama.
11 Chan eil ùine aig an t-seillean dhripeil a bhith ri bròn.
12 Tha uairean an amaideis air an tomhas leis an uaireadair ach chan urrainn do dh’uaireadair sam bith an gliocas a thomhas.
13 Glacar gach uile biadh fallain gun lìon no gun ribe.
14 Thoir a-steach àireamh, cuideam is tomhas ann am bliadhna gainne.
15 Cha bhi eun sam bith ag èirigh tuilleadh is àrd mas ann air na h-itean aige fhèin a bhios e ‘g èirigh.
16 Cha bhi marbhan a’ dìol na tha e air a leòn.
17 ‘S e ‘n gnìomh as uaisle th’ ann neach eile a chur air thoiseach ort fhèin.
18 Nan cumadh an t-amadan air na chuid amaideis, dh’fhàsadh e glic.
19 ‘S e ‘n t-amaideas fallaing na slaightearachd.
20 ‘S e nàire fallaing an uabhair.
21 Togar prìosain le clachan an lagha agus taighean-strìopachais le clachan-crèadh’ a’ chreideimh.
22 ‘S e uabhar a' gheasadaich glòir Dhè.
23 ‘S e drùis a’ ghobhair fialaidheachd Dhè.
24 ‘S e luime boireannaich obair Dhè.
25 Bidh cus bròin ri gàire. Bidh cus gàirdeachais ri gul.
26 Tha beucaich nan leòmhann, donnalaich nam madaidhean-allaidh, gàir a’ chuain agus an claidheamh a sgriosas nan cuibhreannan den t-sìorraidheachd a tha tuilleadh is mòr do shùil mhic an duine.
27 Bidh an sionnach a’ dìteadh na ribe seach e fhèin.
28 Bidh aoibhneas a’ dèanamh torrach. Bidh am bròn a’ breith.
29 Is e corraich an leòmhainn eagna Dhè.
30 Caitheadh an duine fionnadh an leòmhainn, caitheadh am boireannach rùsg na caoraich.
31 Don eun an nead, don damhan-allaidh an lìon, do mhac an duine càirdeas.
32 Thèid an t-amadan a’ gàire ris fhèin 's an t-amadan gruamach a mheas glic gus am bi iad nan slat.
33 An rud a th’ air a dhearbhadh a-nis, bha uair nach robh ann ach mac-meanmna.
34 An rodan, an luchag, an sionnach, an coineanach, seallaidh iad air na freumhan; an leòmhann, an tìgear, an t-each, an t-ailbhean, seallaidh iad air na measan.
35 Bidh an t-amar a’ gleidheadh, bidh am fuaran a’ cur thairis.
36 Lìonaidh aon smuain an àibheiseachd.
37 Bi deiseil daonnan gus t' inntinn a chur an cèill agus seachnaidh duine suarach thu.
38 Tha gach nì a ghabhas creidsinn mar ìomhaigh den fhìrinn.
39 Cha do chaill an iolaire uimhir a thìde ‘s a chaill nuair a ghèill e a dh’ionnsachadh bhon ròcas.
40 Bidh an sionnach ag ullachadh dha fhèin ach bidh Dia ‘g ullachadh airson an leòmhann.
41 Gabh beachd anns a’ mhadainn. Cuir an gnìomh aig meadhan-là. Gabh biadh anns an fheasgar. Dèan cadal anns an oidhche.
42 Tha 'm fear a thug ort cur air eòlach ort.
43 Mar a leanas an crann briathran, bidh Dia a’ toirt luach-saothrach air ùrnaighean.
44 Tha tìgearan na corraich nas glice na eich an oideachaidh.
45 Bi an dùil ri nimh bho uisge balbh.
46 Cha bhi càil a dh’fhios agad a-chaoidh dè tha gu leòr mura bheil fhios agad dè tha barrachd is gu leòr.
47 Èist ri achasan an amadain! 'S e urram a th' ann!
48 Sùilean an teine, cuinnlean na h-àile, beul an uisge, feusag na talmhainn.
49 Tha am fear a tha lag ann am misneachd làidir ann an seòltachd.
50 Cha bhi ‘n t-abhall a’ faighneachd den bheithe ciamar a dh’fhàsas e 's cha bhi 'n leòmhann a’ faighneachd den each ciamar a ghlacas e a chobhartach.
51 Bheir am fear a ghabhas le buidheachas foghar lìonmhor seachad.
52 Mura b’ e ‘s gun robh feadhainn eile air a bhith gòrach, bha sinn fhèin.
53 Cha ghabh anam an aoibhneis truailleadh.
54 Nuair a chì thu iolaire, chì thu cuid den tùr. Tog do cheann!
55 Mar a thaghas a’ bhratag na duilleagan as fheàrr gus na h-uighean aige bhreith orra, bidh an sagart a' cur a mhallachd air an t-subhachas as maisiche.
56 'S e obair nan linntean a th' ann dìthean beag a chruthachadh.
57 Bidh dìteadh a’ teannachadh. Bidh beannachadh a’ socrachadh.
58 'S e 'm fìon as fheàrr am fìon as sine, 's e 'n t-uisge 's fheàrr an t-uisge 's ùire.
59 Cha bhi ùrnaighean a’ treabhadh! Cha bhi molaidhean a’ buain!
60 Cha bhi 'n subhachas ri gàire! Cha bhi 'm bròn ri gul!
61 An ceann an tì as àirde, an cridhe drùidhteachd, na buill-ghineamhainn an àilleachd, na làmhan ‘s na casan cothromachadh.
62 Mar a bhios an àile don eun no a’ mhuir don iasg, tha gràin don fhear a tha gràineil.
63 B’ fheàrr leis an ròcas gun robh a h-uile nì dubh, b’ fheàrr leis a' chaillich-oidhche gun robh a h-uile nì geal.
64 ‘S e th’ ann an cur-thairis ach an àilleachd.
65 Nan robh an leòmhann air comhairle fhaighinn bhon t-sionnach, bha e air a bhith seòlta.
66 Nì leasachadh rathaidean a tha buan ach 's iad na rathaidean lùbte gun leasachadh rathaidean an tùir.
67 B’ fheàrr naoidhean a mhurt na chliabhan na miann gun ghnìomh altram.
68 Far nach eil mac an duine, tha saoghal nan dùl fàs.
69 Cha ghabh an fhìrinn innse a-chaoidh gus an tuigear is nach creidear i.

No comments:

Post a Comment