Friday 13 May 2011

Air a' Bhlàr-a-Muigh
(Alexsandar Ristovic)


A' dol tarsainn air achadh,
Tha feareigin is, aig an àm sin,
Smuaintean mu thighinn ris fhèin
A' cur air inntinn,
Thig air dàil a chur sa ghnothach
Agus a chuid a dhèanamh;
Thuit a-mach gun do ghabh e tlachd
'S e na ghurraban à bileagan-feòir
Mar gun robh e air am faicinn
Den a' chiad uair
Bho astar cho dlùth;
Agus a mhàs a' fàs dearg,
Nì e strì ri bileag
A tharraing a-mach às a phòcaid
Agus, air a sgrìobhadh oirre cheana fhèin,
Na briathran Soraidh. Slàn.

No comments:

Post a Comment