Monday 9 May 2011

A’ Fàgail gu Sìorraidh
(Denise Levertov)

Tha e fhèin ag ràdh
Gu bheil na sùmainnean
Ann an uisge-stiùireach an t-soithich
Mar chlachan a’ turracail air falbh.

Chan ann mar sin a bhios mi fhìn ga fhaicinn.
Chì mi a’ bheinn a’ tionndadh,
A’ tionndadh a h-aodainn air falbh ‘s an soitheach
Gar toirt fhèin air falbh.


Tighinn Dhachaigh
(Wislowa Szymborska)

Bha e air ais. Cha tuirt e dùrd.
Ach bu lèir gun robh rudeigin air dragh a chur air.
Chuir e dheise sìos.
Chuir e cheann fon phlaide
'S an uair sin dè rinn e
Ach a ghlùinean a tharraing suas.
Tha e mu dhà-fhichead ach chan eil an-dràsda fhèin.
Tha e beò - ach dìreach uimhir 's a bha 'm broinn a mhàthar,
Air chùl seachd a chraicinn, ann an dorchadas dìonach.
A-màireach tha e a' toirt seachad òraid
Air homeostatis ann an siubhal-fànais metagalacticeach
Ach a-nis tha e cuachda suas na chadal-suain.

No comments:

Post a Comment