Wednesday 4 May 2011

Am Manadh
(Theodore Roethke)


A' siubhal an raoin seo bidh mi a' meòrachadh
Air làithean samhraidh eile.
O cha b' ann an-dè a bha siud!
Lean mi orm teann ri casan m' athar,
Ceum air cheum ris gus an tug sinn a-mach abhainn.
Chuir e a làmh sìos anns an uisge chaol.
Shiubhail an t-uisge thairis air a' ghaoiseid air cnàimh
Caol na làimhe 's fodha cuideachd.
Lean an samhla na dhèidh gun sgur,
Air laomadh leis a' ghrèin anns a' chaitean.
Ach nuair a sheas e, chaidh an t-aodann sin a chall
Ann an driaman de dh'uisge.

No comments:

Post a Comment