Wednesday 11 May 2011

Meadhan a’ Gheamhraidh
(Tomas Tranströmer)


Tha solas liath
Ri sruthadh a-mach às mo thrusgan.
Meadhan a’ gheamhraidh.
Tiompan den deigh ri seirm.
Tha mi dùnadh nan sùl agam.
Tha saoghal balbh ann,
Tha sgàineadh
Far am bi na mairbh
Air an toirt air falbh
Gun fhios thairis air a’ chrìch.

No comments:

Post a Comment