Wednesday 18 May 2011

Siubhal Seachad air a’ Chladh
(BIlly Collins)


Agus cabhag orm sa mhadainn,
Bidh mi sèideadh air a’ chonchaig nam luaths
A’ siubhal seachad air a’ chladh
Anns a bheil m’ athair is mo mhàthair
Air an tòrradh taobh ri taobh
Fo leac rèidh de dh’eibhir.

An uair sin, fad an latha,
Bidh mi smaoineachadh air a’ bhodach ag èirigh
‘S a’ coimhead orm san dòigh sin
‘S e gam chronachadh
Is a’ chailleach ag innse dha
Gu ciùin laighe sìos air ais.

No comments:

Post a Comment