Tuesday 27 December 2011

san dubhar a’ siubhal na h-iuchrach
a bh’ agam timcheall air m’ amhaich
dìreach, tha fios, a chianaibh

Friday 16 December 2011

tòrradh a’ bhodaich
ann an grian an àigh –
fhuair e latha math

Monday 12 December 2011

Seann cheist ri Cur

Thairis air a’ chuan
An dà starrag ri seòladaireachd
Air ar son fon àile dhuibh
Air a’ mhuir ghil,
Nochdaidh gar n-ionnsaigh
Am post àrd
Is a’ bhreacag bhlasta na bàrr
Is an dà eun go calbhair,
Fear dubh ‘s fear geal
Ag èirigh don àile le spriotraich on tràigh –

Cò ‘m fear dhiubh a dh'itheas an t-aran,
Artaimh, cò ‘m fear dhiubh?


Bhon Ghaolainn aig Dáithí Ó hÓgáin, 1949 gu 2011

Sunday 4 December 2011

Tiodhlac

Latha cho dòigheil.
Sgap an ceò tràth, rinn mi car sa ghàrradh.
Bha na h-eunain a’ stad os cionn lus-a’-chroinn.
Cha robh dad air domhan a bha mi ‘g iarraidh mar sheilbh agam.
Cha b' aithne dhomh duine ris am b' fhiach a bhith am farmad.
Ge b’ e dè 'n t-olc a dh'fhuiling mi, leig mi e fo dhearmad.
Cha robh e na thàmailt dhomh smaoineachadh
Gum b' e 'n aon fhear a bh' annam ‘s a bh' aig aon àm.
Cha do dh'fhairich mi cràdh na mo cholainn.
‘S mi a’ dìreadh, chunnaic mi a' mhuir ghorm 's na siùil.


Saoghalan

Aon uair, o chionn ùine nan cian,
A’ siubhal sìos an t-sràid ann am baile,
Chaidh mo chur gu smaoineachadh nuair a chunnaic mi tunnagan
A’ plubraich mun cuairt ann an lòn suarach.
Bhuail e orm oir faisg air làimh
Bha sruthan riochdail a’ siubhal tro choill’-fheàrna.
Ciamar nach tèid iad a-null dhan t-sruthan?
Chuir mi a’ cheist air saoghalan
Air suidheachan air beulaibh a’ bhothain aige.
Ist! thuirt e. Nan robh dìreach fios aca!


Tràth sa Mhadainn

Eich shodrach
Na linn' a dh'fhalbh

An là 'g èirigh,
Cianail fhèin mòr, air feadh na cruinne.
Mo bhiùgan a' fannadh is na speuran a' deàrrsadh.

Mi nam shuidhe ri sgàilean creagach os cionn dùrd na h-aibhne.

Ann an leus na camhanaich air a' bheinn, sliobhag den ghealaich.


Truas

Anns an naoidheamh deichead de mo bheatha,
‘S e ‘n fhaireachdainn a bhios ag èirigh na mo bhroinn truas,
Gun fheum. Lìonmhorachd, àireamh thar tomhais
De dh'aodannan, de chumaidhean, de dhàin daoine sònraichte
Agus mar gum biodh aonadh riutha
Bhon taobh a-staigh ach, aig an aon àm,
Am mothachadh a th’ agam nach bi am modh agam a bharrachd
Airson dachaigh a thairgse na mo bhàrdachd
Do na h-aoighean seo agam oir tha e tuilleadh is fadalach.

Saoilidh mi, cuideachd, nam b’ urrainn dhomh
Tòiseachadh às ùr, gun robh a h-uile dàn leam
Air a bhith na eachdraidh-beatha
No na dhealbh de neach sònraichte no na chumha
Dhan dàn aige no aice.


Tàmh

Tha 'm feur eadar na leacan
Cho gorm uaine.
Bho na slèibhtean casa
Sealladh air a' chuan,
Air eileanan 's air bailtean fodha.
Bidh dol-fodha-na-grèin' a' fàs bastalach,
A' fannadh gu slaodach.
Anns an fhionnairidh
Beathaichean guanach a' sùrdagadh.
Thig earb 's laogh-fèidh ann
Mar a bhios a h-uile feasgar ann
A dh'ithe nan dìthean
A thug daoine
Dhan cuid mharbh ionmhain.


Dearbhadh

Agus an dèidh sin fhathast
Dh'fhiosraich thu lasair ifrinn.
Thèid agad air a ràdh fiù 's
Cò ris a tha i coltach:
Fìrinneach, a’ crìochnachadh
Ann an dubhagan biorach
Gus an reub iad feòil suas,
Mìr air mhìr, gu smior nan cnàmh.
Choisich thu san t-sràid
Is bha e a' dol air adhart:
An sgiùrrsadh is an fhuil a' sileadh.
‘S ann a tha cuimhn' agad,
Mar sin chan eil teagamh agad ann:
Tha ifrinn ann gun teagamh.


An Gaol

‘S e ‘s brìgh don ghaol ionnsachadh mar a sheallas tu riut fhèin
Mar a sheallas neach ri rudan fad’ às
Bhon a tha thu dìreach mar aon nì am measg nam mìltean.
Is às bith cò sheallas mar sin, bidh e a’ leigheas
A chridhe fhèin gun fhios bho iomadach tinneas –
Bidh eun is craobh ag ràdh ris: A Charaid.

An uair sin bidh e ‘g iarraidh e fhèin a chur an sàs
Is rudan gus an seas iad ann an luisne na h-abaichead.
Chan eil e gu dad a bheil fios aige dè tha e ‘g obair air a shon:
Bidh am fear-obrach as fheàrr uaireannan gun tuigsinn.


Rùnairean

Chan eil annam ach rùnaire nì nach gabh fhaicinn
A chaidh a dheachdadh dhomh fhìn 's do bheagan eile.
Rùnairean, gun a bhith eòlach air a chèile,
Bidh sinn a’ siubhal na talmhainn gun mòran tuigse.
A’ tòiseachadh abairt anns a’ mheadhan
Air neo a’ crìochnachadh le cromag. Is mar a bhios e sealltainn
Gu lèir nuair a bhios e crìochnaichte,
Chan eil sinn an urra rinn fhìn oir cha bhi sinn ga leughadh ann.


Tachairt

Bha sinn a’ marcachd ann an raointean reòtht’ ann an carbad
Ri beul an latha.
Dh’èirich sgiath dearg anns an dorchadas. Gu h-obann
Ruith geàrr tarsainn an rathaid.
Thomh fear againn ris le làimh.

Bha sin o chionn fhada.
San là-‘n-diugh, chan eil aon seach aon dhiubh maireann.
Chan eil an geàrr no ‘m fear a shìn a làmh.

Och, a ghaoil, càite bheil iad?
Càite bheil iad a’ falbh,
Aiteal na làimhe, stiall a’ ghluasaid,
Siosarnach nan dòirneagan?
Chan ann le bròn
A tha mi faighneachd ach le iongnadh.


An Tuiteam

‘S ionann bàs duine
‘S tuiteam fine bha mòr
Aig am biodh arm a bha treun,
Ceannardan ‘s fàidhean ‘s calaidhean
‘S luingeas beairteach air feadh nan cuantan
Ach a-nis cha toir i faothachadh ann
Do chathair sam bith fo ionnsaigh,
Cha tèid i steach ann an aonadh
Bhon a tha na cathraichean aice falamh
‘S an sluagh air sgapadh;
Tha ‘m fonn a thug am foghar uair
Fo na cluarain a-nis;
Chaidh dearmad a dhèanamh air a’ ghairm aice
‘S chaidh ‘n cànan aice bhuaithe
Na chainnt baile
Gu h-àrd sna beanntan fad’ às.


Uair

Duilleagan a’ deàrrsadh anns a’ ghrèin,
Siùsan dian aig seilleanan fad’ às
Am badeigin thairis air an abhainn,
Sgal-creige ghathan a dh’fhuirich ùine
‘S fuaim rèidh ‘n ùird, thug iad aoibhneas
Chan ann dìreach dhomh fhìn.

Mus deach na còig mothachaidhean fhosgladh
Agus na bu luaithe na toiseach sam bith,
Dh’fhan iad, ullamh, ris an fheadhainn ud uile
A bhios a’ gabhail bàsmhor orra fhèin
Ach an dèanadh iad moladh, mar a bhios mi fhìn a’ dèanamh,
Air a’ bheatha, ‘s e sin, àgh.


Gnìomh

Fo sgàth ‘s air chrith,
Saoilidh mi gun toirinn mo bheatha gu buil
Dìreach nan toirinn orm fhìn aideachadh follaiseach a dhèanamh
A nochdadh feall a rinn mi fhìn ‘s mo linn.
Fhuair sinn cead sgreuch a leigeil
Ann an teangachan throichean is dheamhan
Ach bha toirmeasg air faclan a bha glan ‘s fialaidh
Fo chàin cho mòr is gun canadh neach
A bha cho dàna 's a leithid a chur an cèill
Gur h-e bh’ ann dheth fear air chall.


Uinneag

Dhearc mi a-mach air an uinneig anns a’ chamhanaich
Is chunnaic mi faillean-ubhal cho soilleir.
Is nuair a thug mi sùil a-mach às ùr
Anns a’ chamhanaich a-rithist, bha craobh-ubhal
Na seasamh ann ‘s i cur thairis le toradh.
‘S dòcha gun deach mòran bhliadhnaichean
Seachad ach chan eil cuimhn’ agam air càil
De na dh’èirich na mo chadal-suain.


Teicheadh

Nuair a bha sinn a’ teicheadh bhon chathair
A’ losgadh is a sheall sinn air ais bhon chiad chasan
San raon, thuirt mi fhìn: Fàsadh am feur
Air làrach nan cas againn, rachadh na fàidhean-brèige
Nan tost anns an teine, faodaidh na mairbh innse
Do na mairbh dè na thuit a-mach.
Tha e nar dàn dream ùr is ainneartach a chruthachadh
Saor bhon olc is bhon t-sonas a thuit na dhùsal ann.
Leig mu sgaoil sinn.
Is chaidh ‘n talamh fhosgladh
Air ar son le le claidheamh lasrach.


Mo Chuid Rùintean

Thèid mo chuid rùintean brònach,
Aon air aon, a leigeil am follais.
Abair beatha lom! bidh iad ag ràdh.
Agus an clacharan cho cas!


Àrainn Tost

Cha do thachair e mar sin.
Ach fhathast chan eil de ladarnas aig duine sam bith
Cur an cèill mar a thachair ann am fìrinn.
Tha mi sean gu leòr gus cuimhneachadh
Ach fhathast, air chleas dhaoine eile,
Bidh mi ‘g aithris is ag aithris nam faclan
Ris am bi ‘n sluagh a’ gabhail
Oir chan eil mi ‘n dùil gu bheil e ceadaichte dhomh
Fìrinn a nochdadh a tha tuilleadh is cruaidh
Airson cridhe mhic-an-duine.


Czesław Miłosz 1911 - 2004