Wednesday 25 May 2011

Dylan

AIG AOIS A' GHEALLAIDH


An Carbad

Bidh mi siubhal o mhoch gu dubh leam fhìn an carbad
‘S air mo chois an cois an dorais fad na h-oidhch’ air fad.
Ma shiùbhlas mi air mullach an t-slèibh’ ud thall, mo sgrios!
Is mura tèid agam air, thèid aig mo ghaol, tha fios.

Nach grinn a' ghealach, a' deàrrsadh air bhàrr nan crann
'S nach gasta 'm fear-stiùiridh againn ‘s e a’ siubhal na dheann
'S a' ghrian a' dol sìos cho ciùin is cho rèidh
Ris an tè a th’ ann ‘s i ri ruith ‘s ri ruith nam dhèidh.

Tha 'n geamhradh is an reothadh air nochdadh mun taigh a-nis
Chaidh mi a chur an cèill do chàch na bha mi 'm beachd cur ris.
Tha mi ‘g iarraidh bhith ri leanannachd leat fhèin seach ri feall.
Na can rium nach tug mi rabhadh dhut ma thèid an carbad air chall.


Shuas mun Chnoc-fhaire

Tha fios gum faod sinn teicheadh às, a mherlich, thuirt am bàrd.
Tha fada cus de bhreislich ann, tha ‘n t-uisg’ ag èirigh àrd.
'S ann a rinn luchd-togail is luchd-àiteachaidh mo shlad.
Mu luach an rud aig duine dhiubh chan eil smùid no srad.

Socair ort! - a thuirt am meirleach - Fan ort, a dhuine, tà.
Tha feadhainn ann a chanas nach eil ann ach fealla-dhà.
Ach bha sinn thall is chunnaic sinn is chan e sin ar dàn.
Stadamaid an t-amaideas, chan fhada gu là bàn.

Shuas mun chnoc-fhaire, ‘s ann a chùm na flathan sùil.
Dh’fhalbh mnathan rùisgte len cuid thràillean fad an t-siubhail.
Air a’ bhlàr-a-muigh air fàire, rinn cat-fiadhaich gàir
‘S a’ ghaoth ri donnal 's dithis len eich a' siubhal mu cheann a' bhlàir.


Tè à Dùthaich MhicAoidh

Soraidh bhuam gu Dùthaich MhicAoidh
‘S an t-uisg’ a’ tuiteam gu dubh na thaom,
San tàmh an tè nach till rium a-chaoidh.
B’ i mo ghràdh anns na làithean a dh’aom.

Thoir do dhà shùil air cùl bàn a cinn
Ri sìneadh sìos mun an dà chìch
Is aom do chluas ris a’ ghuth bhinn
‘S nach truagh e bhith tighinn gu crìch.

Ma dh'fhalbhas tu 's an cathadh air lom
‘S an sruth fo dheigh ‘s gun lì san fheur,
Feuch a bheil i an èideadh blàth trom
A ghleidheas i fhèin bhon t-sèideadh gheur.

An cuimhne leatha mi fhìn ann, saoil?
Nach minig a rinn mi guidhe, ge-tà,
Ri dubh na h-oidhche leam fhìn, a ghaoil
Is ris an t-solas bhuidhe san là.

Soraidh bhuam gu Dùthaich MhicAoidh
‘S an t-uisg’ a’ tuiteam gu dubh na thaom,
San tàmh an tè nach till rium a-chaoidh.
B’ i mo ghràdh anns na làithean a dh’aom.


Cnogadh anns an Speur

Cuir à dreuchd mi fhìn a-nis,
Mi gun rath, mo thruaighe gheur,
Dh’fhalbh a’ ghrian ud a bha ris,
Mi a’ cnogadh leam anns an speur.

Cnog, cnog, cnogadh leam anns an speur x 4

Caith sìos m’ èideadh air an làr,
Cha chuir mi feum air gu Là nan Deur,
Sgòth ri bagairt air a’ bhlàr,
Mi a’ cnogadh leam anns an speur.

Cnog, cnog, cnogadh etc. x 4


Riamh nad Leum

Gun glèidh Nì Math thu daonnan, gun toir thu mach do chàil,
Mar a nì iad dhut, nach dèan thu fhèin dhaibh fhèin a-rithist gun dàil,
Gun tog thu àra dhan an speur ‘s gun gabh thu a h-uile ceum
‘S gun robh thu riamh nad leum,
Riamh nad leum, riamh nad leum,
Gun robh thu riamh nad leum.

Gum fàs thu suas gu bhith ceart is fìreanta ga rèir,
Gun cuir thu eòlas air an fhìrinn a tha lèir,
Gun robh thu riamh calma nuair as còir gun toir thu beum
‘S gun robh thu riamh nad leum,
Riamh nad leum, riamh nad leum,
Gun robh thu riamh nad leum.

Gun robh do làmhan dripeil is gun robh do chasan clis
Is làidir nuair a thèid à fradharc a’ ghrian a bha ris,
Gun gabh thu duan ‘s port-à-beul gu sunndach (is gu feum)
Is gun robh thu riamh nad leum,
Riamh nad leum, riamh nad leum,
Gun robh thu riamh nad leum.


Bi ann air a’ Mhadainn

Bidh ann air a’ mhadainn aig an taigh ann an Steòrnabhagh,
Bidh ann air a’ mhadainn aig an taigh ann an Steòrnabhagh,
Bidh sinn air an Tairbeart an uair an uaireadair gun dragh.

Tha ‘n uair as duibhe, canar, dìreach ron an là,
Tha ‘n uair as duibhe, canar, dìreach ron an là,
Gun a bhith cho dubh rium fhìn o dh’fhalbh thu, ge-tà.

Coileach air an spiris, dè tha cur air, saoil?
Coileach air an spiris, dè tha cur air, saoil?
Tha mise mar an coileach ud ‘s tu cho cruaidh sin, a ghaoil.

Tha na h-eòin a’ siubhal gu h-ìseal, chan eil mi fhìn ach nochd,
Tha na h-eòin a’ siubhal gu h-ìseal, chan eil mi fhìn ach nochd,
Tha an doras ud fo ghlas is tha m’ aigne fhèin fo sprochd.

Bidh mi ri bocadh air feadh nan coilltean fad na tìde mar na fèidh,
Bidh mi ri bocadh air feadh nan coilltean fad na tìde mar na fèidh,
Rinn mi ‘n gnothach air na madaidhean, tha mi airidh air do dhèidh.

Seall air a’ ghrèin ud a’ dol a’ sealladh uam na neul,
Seall air a’ ghrèin ud a’ dol à sealladh uam na neul,
Mar a bhios mo chridhe ‘s tu gam phògadh air mo bheul.


Ma Thachras tu Oirre Fhèin

Ma thachras tu oirre fhèin, thoir mo bheannachd dhi.
Tha i an Inbhir Nis a-nis fhad ‘s as fhiosrach mi.
Can gu bheil mi dòigheil ach air uairean rud beag mall.
Na can nach d’rinn mi dearmad oirre fhèin mu dheireadh thall.

Thug sinn an gnothach gu crìch mar a bheir luchd-gaoil sam bith
‘S nuair a ghabhas mi beachd air an oidhche sin, bidh mi dol air chrith
‘S ged a tholl an sgaradh mi a-steach gu smior nan cnàimh,
‘S ann a tha i fhathast nam bhroinn, tha sinn fhathast an dàimh.

Ma bhios tu riamh na car no faisg, thoir dhi bhuam pòg.
Thug mi urram dhi a riamh o thug i dhomh a’ bhròg.
Cha chuir mi riamh na h-aghaidh no càil fhad ‘s a tha i glan,
Ach nach searbh nuair a dh’èigh mi mach na clàr: Na falbh! Fan!

Chì mi mòran dhaoine ‘s mi gabhail cuairt is a’ cur ris
Is dh’fhairich mi a h-ainm an Dùn Deagh ‘s an Inbhir Nis
‘S cha bhi mi, ged a dh’fheuchainn, cleachdte ris gu bràth –
Tha fios gu bheil mi ‘n dàrna cuid tiamhaidh no tlàth.

Grian shìos, gealach ùr, nam chuimhne fhathast air fad
Is ged a chaidh, cha chuir mi iad a chaoidh fo dhearmad.
Nach can thu rithe, ma bhios i riamh sa cheàrnaidh seo, a Thì,
Gum faod i tighinn gam fhaicinn uair sam bith gun strì.


Sileadh

Sileadh gun euradh, sileadh nan deur,
Cur thairis le sileadh, mo thruaighe gheur,
Sileadh on ghealaich na mo chròg.
Bheir mi dhut gaol gu sìorraidh, mo rùn geal òg.

Bha mise bog agus cruaidh mar chrann.
Feadhainn a bha gasta, chan eil iad ann,
A' tighinn 's an uair sin a' dol mar an ceò.
Ma tha thu gam iarraidh, bidh mi ann ri do bheò.

‘S toigh leam do ghàire ‘s ceann do mheòir,
‘S toigh leam do bhilean, a Thighearna, fòir!
‘S toigh leam an dòigh san toir thu gràdh.
Tha gach rud a th’ ann mud thimcheall gam chur nam chràdh.

Feadhainn a tha beag, feadhainn a tha mòr,
Chan fhaigh mi a-chaoidh mo shàth no mo leòr.
‘S toigh leam thu fhèin ‘s do shùgradh mall.
Bidh thu fhèin agam cho luath ‘s a bhios mi thall.

Chan eil sa bheatha seo ach briseadh-dùil.
Dèan mar a nì ‘s mar a chì do shùil,
Dèan mar a nì ‘s mar a chì, a ghaoil,
Mar a nì mi dhut fhèin, a ghràidh, nach fhaic thu, saoil?


Blind Willie McTell

‘S e ‘n sanas air na dorsan: Thèid an tìr seo leigeil ris
Fad na slighe bho na Crìochan gu Rubha Robhainis.
Dh’fhalbh mi a’ Ghàidhealtachd mun do thuit na fir mu seach
Is cha d’rinn duine dàn a riamh mar an Dòmhnallach.

Dh’fhairich mi an ceilear nuair a dh’fhalbh càch nan tàmh
‘S gun san èisteachd ach mi fhìn is eala-bhàn air snàmh.
Bidh na caileagan ri guileagan mar ealachan air loch
Is cha d’rinn duine dàn a riamh mar an Dòmhnallach.

Feuch an dùthaich ud na teine ‘s na h-uachdarain san tòir
Air an dream nach deach fhuadach thar a' Chuain Mhòir.
Cluinnidh mi an caoineadh ac’ o mhoch gu dubh, mo chreach
Is cha d’rinn duine dàn a riamh mar an Dòmhnallach.

Tha nighneag shìos mun t-sruth ‘s mo laochan ri cois,
Gleusta suas an aodach gorm air chumadh Uilleim Rois.
Tha prasgan air a’ bhealach thall ri slaodadh is ri ràn
‘S cha d’rinn duine duan a riamh mar Dhall Dubh nan Dàn.

Tha Nì Math anns an fhlathas is na bhuineas Dha gar dìth
Bho thàinig sìol truaillidh far am b’ àbhaist sìth.
‘S mi ri coimhead a-mach air uinneag san St. James Hotel,
Air taobh na sràide siud e fhèin ri Blind Willie McTell.

1 comment:

  1. Hello, tha mise bho na Stàitean Aonaichte, tha mi airson an teisteanas mhath seo a cho-roinn mu mar a chuidich Dr.Agbazara mi a thoirt air ais le mo leannan a bh 'ann. Nuair a bha mi a' lorg airson fuasgladh thàinig mi an conaltradh ri Dr.Agbazara agus le cuideachadh a thàinig mo leannan air ais gu mi taobh a-staigh 48 uair a thìde. Mar sin, le seo tha mi cho trom airson comhairle a thoirt do dhuine sam bith a tha a 'sireadh slighe airson a bhith a' faighinn a leannan air ais gus bruidhinn ri Dr.Agbazara air WhatsApp: ( +2348104102662 ) no tro phost-d aig: ( agbazara@gmail.com ) Tha mi cho toilichte co-dhiù mi fhìn agus tha mo leannan air ais dha chèile a-rithist agus a 'dol a chuir seachad cuirm na Bliadhn' Ùire còmhla. A 'toirt taing don Dr.Agbazara a-rithist ...

    ReplyDelete