Monday 27 June 2011

Issa

oiteag an earraich
a’ tiormachadh an eich,
achadh mun chachaileith


oiteag as t-earrach –
fiù samurai air a shèideadh
sìos an sliabh


air aon each,
triùir mharcach,
oiteag an earraich a’ sèideadh


fiù ‘s an deatach
ag èirigh gu h-àrsaidh,
an t-earrach a’ tòiseachadh


gun rabhadh,
tha ‘n t-earrach air tòiseachadh –
taigh–tughaidh


earrach a’ tòiseachadh –
dà theaghlach,
aon taigh


a' cadal, a' dùsgadh,
a' mèaranaich -
an cat a’ dol a-mach a shùgradh


a phìobaire-'n-teallaich!
bidh nad fhear-gleidhidh
air m' uaigh 's mi air falbh

No comments:

Post a Comment