Thursday 28 April 2011

Basho

dealain-dè air an imrich,
sin uile san achadh
is a’ ghrian a’ deàrrsadh


Gaol Boireannaich
(Paul Eluard)


Tha i na seasamh air mo rosgan
‘S tha ‘m falt aice nam fhalt fhèin.
Tha dath mo shùl aice
‘S colainn mo làimhe.
Na mo sgàil tha i air a sluigeadh
Na cloich ris an speur.

Cha dhùin i a sùilean a-chaoidh
‘S cha leig i leam cadal a dhèanamh
‘S bidh a cuid bhruadar
Anns an là gheal a’ toirt air na grèinean
Dol nan smùid is a’ toirt orm fhèin gàireachdainn ‘s gàireachdainn
Is labhairt nuair nach eil càil agam ri ràdh.

No comments:

Post a Comment