Monday 25 April 2011

dìreach mar a chuir Coinneach air mhanadh –
tè le brògan dearg’ is cailleach-dhubh
air a’ mhachair Uibhisteach

Ùrnaigh
(C. P. Cavafy)


Seòladair a bhàthadh anns a’ chuan.
Gun fhios aice, bidh a mhàthair a’ dol a lasadh
Coinneal àrd air beulaibh ìomhaigh Mhoire
‘S ag ùrnaigh gun tig e air ais gu luath
‘S gum bi tìde mhath ann –

Cluas aice ris a’ ghaoith fad na tìde.
Fhad ‘s a tha i ri ùrnaigh ‘s aslachadh,
Bidh ‘n ìomhaigh ag èisteachd, sòlaimte ‘s brònach
Agus fios aice nach tig am balach
Ris a bheil i a’ feitheamh a-chaoidh.

No comments:

Post a Comment