Tuesday 19 April 2011

Dìosgan

Is dè ged a bhithinn air mo mhealladh
Ri ceum ann an rèiteach anns a’ choille dhomh
‘S mi leantainn air lorg a chaidh a leagail leis na fèidh
‘S gun tigeadh dham ionnsaigh gur h-e bha sna craobhan
Ag aomadh anns a’ ghaoith romham ‘s a’ luasgadh
A-null ‘s a-nall gus an socraich mu dheireadh
Thall ‘s a-bhos is leaghadh ann snagan-daraich
Air neo cachaileith no ‘n doras-cùil a’ dìosgan
Mar sgal an dèidh do do ghaol ’s do ghràdh
Is do chuspair mòr fhèin falbh?



creaking

and so what if i’m allurefooled taking a limpwalk in a clearaing the wood following a findpath the deer laid if it comes to me that the branchtrees bending in the wind before me rocking back and forth till they settle at long last in the thaw are a woodpecker or kissing-gate or the back door creaking like a howl after your love love or great loveobjectsubject has left?

No comments:

Post a Comment