Monday 25 April 2011

Buson

an-dè air tighinn gu crìch,
an-diugh a-rithist bidh crìochnachadh -
an t-earrach a' falbh


Teine 's Deigh
(Robert Frost)


Canaidh cuid gun tig a' chruinne
Gu crìch ann an teine
'S canaidh cuid eile
Crìoch ann an deigh.
Bho nas fhiosraich mi de mhiann
Rachainn leis an fheadhainn
A chumas a-mach gur teine.
Ach nan robh agam ri dhol am mùthadh
Dà thuras, tha mi smaoineachadh
Gun fhiosraich mi gu leòr de dh'fhuath
'S gum faodainn a ràdh
Airson sgrios gu bheil an deigh
A cheart cho cumhachdach
Is gun dèanadh i an gnothach.

No comments:

Post a Comment