Thursday, 28 April 2011

Issa

cruinneachadh chraobh,
fiù ‘s bhon fheur shuarach,
earrach fo bhlàth


Sgaradh
(Anna Akhamatova)


Tha ‘n clacharan
A’ teàrnadh nam fhianais.
An t-seachdain a chaidh,
‘S ann a bha sinn ann an gaol.
Dh’aslaich e orm gun a leigeil
Às mo chuimhne.
Chan eil ach a’ ghaoth ri faireachdainn,
Buachaillean a’ glaodhach
Agus gàir nan giuthas
Am bruach Allt na Bèiste.

No comments:

Post a Comment