Thursday 5 May 2011

Falbh
(Philip Larkin)


Tha feasgar a' tighinn a-steach
Thar nan raointean,
Nach fhaca duine riamh,
Nach las lòchrain.

Bho astar, chanadh neach
Gur h-e sìod' a bh' ann
Ach nuair a thèid a tharraing suas thar nan glùn
'S thar a' bhroillich,
Chan eil furtachd na chois.

Càit' an do dh'fhalbh a' chraobh
A rinn glas eadar an speur is an talamh?
Dè tha fo mo làmhan
Nach eil mi a' faireachdainn?

1 comment: